Buinn Òir a' Chomuinn Ghàidhealaich

  • Air fhoillseachadh
Bonn Òir a' Chomuinn Ghàidhealaich

'S iad Màiri Aisling Callan à Coatbridge agus John Joe MacNèill à Barraigh a choisinn Buinn Òir a' Chomuinn Ghàidhealaich aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail an Inbhir Nis.

Bhuannaich Màiri, aig a bheil dlùth cheangail ri Uibhist a Tuath, farpais nam ban le sgòr de 747.

Sheinn i 'Thig Trì Nithean Gun Iarraidh', an t-òran a chaidh a chur mun coinneamh, agus 'Rè an t-Samhraidh', mar a roghainn aice fhèin, sa chuairt dheireannach.

Chrìochnaich Saffron Hanvidge san dàrna àite le sgòr de 729, agus bha Marina NicLeòid san treas le 724

Bonn Òir a' Chomuinn Ghàidhealaich

Ann am farpais nam fear chur John Joe MacNèil Bonn Òir a' Chomuinn ri Bonn Òir an t-Seann Nòis a bhuannaich e ann an Loch Abar an 2017.

Ghabh e 'Òran an t-Saighdeir' agus 'Òran d' a Chèile Nuadh Phòsta' anns a chuairt dheireannach oidhche Chiadain is e faighinn sgòr iomlan de 742.

Bha Marcas Mac an Tuairneir san dàrna àite le 722 agus chrìochnaich Iain Gòrdan san treas àite le 713.