Cothrom air FMG "ga dhùnadh do chuid"

  • Air fhoillseachadh
Soidhne gu Bun-sgoil Ath TharracaillTùs an deilbh, Jim Barton/Geograph

Tha seann cheannard Chomhairle na Gàidhealtachd ag iarraidh air an ùghdarras ionadail leudachadh a thoirt air an sgìre-sgoile a tha iad a' moladh airson foghlaim Ghàidhlig aig Bun-sgoil Àth Tharracail ann an Àird nam Murchan.

Tha an-dràsta còig bun-sgoiltean ann an Rubha Àird nam Murchan - Àth Tharracail, Àird Ghobhar, Cille Chòmhghain, Loch Àlainn, agus Sròn an t-Sìthein.

'S e seo a' chiad turas a chaidh beachdachadh air sgìre a chomharrachadh airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig san sgìre.

Nan deadh am plana air adhart bhiodh dà sgìre a-mach às a' chòig a tha sin - Àird Ghobhar agus Loch Àlainn - air an taobh a-muigh.

Do-dhèante

'S ann an Àird nam Murchan a tha an àireamh as motha de luchd-labhairt na Gàidhlig air tìr-mòr, 's 19.3% den t-sluagh ag ràdh gu bheil i aca.

Tha Mìcheal Foxley, ag ràdh gun dùineadh sin an cothrom air foghlam Gàidhlig dha na sgìrean sin.

"S e fìrinn na cùise, gun robh a dhà uimhir co-dhiù de sgoilearan ann an gach cuid Loch Àlainn agus Àird Ghobhar bho chionn 30 bliadhna," thuirt e.

"Bha dithis thidsearan anns na sgoiltean sin.

"Chan eil ann an Àird Gobhar a-niste ach 13 sgoilearan. Sin mu dhithis anns gach bliadhna sa bhitheantas.

"Mar sin dheth, 's gann gu bheil cothrom idir air gu leòr cloinne - ceathrar aig P1 's barrachd ag iarraidh a dhol gu aonad Gàidhlig - anns na bun-sgoiltean beaga seo, leithid Àird Ghobhar agus Loch Àlainn. Cha mhòr nach eil sin do-dhèante."

Bhiodh an sgìre stèidhichte air astaran a dh'fheumadh sgoilearan siubhal, agus an dleastanas a bhiodh air a' Chomhairle còmhdhail a chur air dòigh, 's 15 mìle mar as trice ga mheas reusanta.

Tha cuid san sgìre ge-tà, ag ràdh nach eil sin iomchaidh ann an leithid de sgìre, 's an sluagh gu math sgapte 's daoine cleachdte ri bhith a' siubhal astairean fada airson sheirbheisean.

Thàinig conaltradh poblach air a' chùis seo gu crìch an t-seachdain seo chaidh, 's dùil a-niste ri aithisg air na h-ath-cheumannan tràth sa bhliadhna ùir.

Thèid sin an uair sin gu Comataidh an Fhoghlaim, 's moladh sam bith bhuapasan gan cur mu choinneimh na Làn-Chomhairle.