Cead ga mholadh do leasachadh gaoithe an Dùnrath

  • Air fhoillseachadh
Crann-gaoithe

Thèid beachdachadh air planaichean airson an tuath-gaoithe air bhog "as motha san t-saoghal" aig Comhairle na Gàidhealtachd an ath-sheachdain.

Chomharraich a' chompanaidh Highland Wind Eta làrach faisg air beul a' Chaoil Arcaich, mu chòig mìle tuath air seann ionad niùclasach Dhùnrath ann an Gallaibh.

Fon phròiseact dheuchainn a thathas an dùil a dhèanamh an toiseach, air a bheil Dounreay Tri Demonstrator, dheadh dà chrann-gaoithe mu 200 meatar de dh'àirde a thogail air clàr a bhiodh air flòt sa mhuir.

Dh'fheumte na h-uimhir de bhun-structar a thogail air tìr, ri taobh làrach HMS Vulcan ann an Dùnrath.

Tha a' chompanaidh an dòchas tòiseachadh air an obair-togail ann an 2023.

Ma shoirbhicheas leis a' phròiseact dheuchainn, bhiodh iad an dùil deich clàran a stèidheachadh air bhog san sgìre, a chruthaicheadh dealan gu leòr airson timcheall air 70,000 dachaigh.

Bhiodh seo mar phàirt den amas a th' aig Alba 50% de chumhachd na dùthcha fhaighinn bho thùsan ath-nuadhachail ro 2030.

Tha oifigich na Comhairle a' moladh do Chomataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Tuath cead a thoirt don phròiseact dheuchainn nuair a choinnicheas iad Dimàirt.