Naidheachdan 11:00m

Thuirt Poilis Nirribhidh gun robh fireannach a chaidh a chur an grèim às dèidh ionnsaigh mhairbhtich ann an iar-dheas na dùthcha air iompachadh gu Ioslam. Thuirt iad gun robh draghan air a bhith ann cheanna gun robh an duine, 37, agus a bhuineas dhan Danmhairg, air beachdan radaigeach fhoillseachadh. Chaidh bogha agus saigheadan a chleachdadh gus còignear a mhurt ann am baile Kongsburg an-raoir.

Dhearbh aithisg mar a thug togail nam bacaidhean Covid an Alba spionnadh do dh'eaconamach na dùthcha. Fhuair an aithisg a bhios Seòmraichean Malairt na h-Alba a' dèanamh gach trì mìosan gun do dh'èirich ìrean misneachd anns gach roinn. Fhuair iad cuideachd, ge-tà, gun robh ìre na h-atmhorachd, cìsean agus èiginn a' chumhachd fhathast na adhbhar dragh do ghnothachasan. Bha dragh orra cuideachd mu dhìth luchd-obrach, agus iad uile ag innse gun robh dùbhlain aca daoine gu leòr fhastadh.

Dh'innis a' chompanaidh fastaidh, Hays, gur e an t-Sultain a' mhìos as soirbheachaile a bha air a bhith aca bhon a bhuail staing a' Choròna-bhìorais le gnìomhachasan a' strì airson luchd-obrach fhaighinn. Thuirt a' chompanaidh gu bheil uimhir de dh'iarrtas ann agus gu bheil iad air na prìsean aca a chur an-àirde còrr is 40%. Tha iad cuideachd ag ràdh gu bheil gainnead luchd-obrach sgileil na thrioblaid ann an cuid de ghnìomhachasan, agus gu bheil tuarastail ag at.

Chaidh bacadh a chur air daoine a bhith a' tadhal air ospadal ann an Siorrachd Rinn Friù às dèidh àrdachadh ann an cùisean Covid-19. Dh'fhoillsich NHS Sgìre Ghlaschu agus Chluaidh teachdaireachd èiginneach mu Ospadal Rìoghail Alexandra ann am Pàislig. Tha iad ag ràdh nach bi ach uàrdan màthaireachd agus slàinte-inntinn an ospadail fosgailte mar as àbhaist - agus gum mair na cuingealachaidhean chun an dàrna là den ath-mhìos.

Chaidh moladh do chomhairlichean Gàidhealach taic a chur ri planaichean airson cala Ulapuil a leasachadh. Tha urras a' chala airson oir na mara a phutadh a-mach cha mhòr deich meatair ach an gabh Sràid a' Chladaich a leudachadh agus a dhùblachadh. Dheadh cabhsair ùr a chruthachadh airson an rathad a dhèanamh nas goireasaiche do luchd-coiseachd. Tha plana an urrais cuideachd a' moladh tuilleadh phontuin a chur a-steach, cidhe ùr agus taobh a-staigh a' chala a dhoimhneachadh.

Bho an-diugh, faodaidh daoine suas ri £100 a chosg leis na cairtean bancaidh aca gun a bhith a' cleachdadh nan àireamhan pin aca. Gu ruige seo bha crìoch de £45 air na dh'fhaodadh daoine a bhith a' cosg le bhith a' cleachdadh teicneòlais contactless. Thuirt Comann Meanbh Reic Bhreatainn ge-tà, gun toir e làithean neo ma dh'fhaodadh seachdainnean mus tèid aig cuid de bhùithdean air na h-innealan-pàighidh aca ùrachadh.