Mòd Inbhir Nis "soirbheachail"

  • Air fhoillseachadh
Mod Inbhir Nis

Tha an Comunn Gàidhealach ag ràdh gun robh Mòd Nàiseanta Rìoghail Inbhir Nis "soirbheachail dhà-rìribh".

Chaidh mòran luchd-amhairc a thàladh bho air feadh an t-saoghail seach gun robh tòrr thachartasan rim faicinn air-loidhne air sgàth a' phandemic.

B' e measgachadh de thachartasan air-loidhne, farpaisean ann an dà-rìribh is cuirmean a bh' ann tron t-seachdain.

Bha 70 duine a' gabhail pairt anns na farpaisean seinn eadar òganaich is inbhich.

Bha 16 còisirean an làthair aig Eden Court le 320 duine a' seinn aig dà chuirm Diardaoin agus Dihaoine.

Thèid Mòd 2022 a chumail ann am Peairt.

Thuirt an Comhairliche Iain Duff bho Chomhairle Pheairt is Chinn Rois gun robhar an dòchas gun deadh farpaisean air adhart mar as àbhaist.