Ceannard roinneil ùr dhan UHI

  • Air fhoillseachadh
Aonghas CaimbeulTùs an deilbh, Ewen Weatherspoon
Fo-thiotal an deilbh,

Bha Aonghas Caimbeul roimhe na cheannard air Comhairle nan Eilean Siar.

Chaidh fear-gnothachais à Leòdhas fhastadh mar cheannard roinneil ùr 'son foghlaim adhartaich aig Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean.

Bidh Aonghas Caimbeul an urra ri foghlam adhartach a leasachadh aig an UHI aig ìre roinneil agus aig ìre nàiseanta.

Tha 13 ceannardan roinneil aig an UHI a tha stèidhichte air feadh na h-Alba.

Mar phàirt den dreuchd, bidh Mgr Caimbeul a' dèanamh cinnteach gu bheil an UHI a' coilionadh an dleastanasan a thaobh foghlaim adhartaich.

Sgilean

Bidh e cuideachd a' dèanamh cinnteach bi na planaichean aca a' freagairt air feumalachdan na sgìre a thaobh nan sgilean a tha a dhìth air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan.

Chuir cathraiche cùirt an oilthigh, Alasdair MacColla fàilte air Mgr Caimbeul:

"Tha sinn air leth toilichte fàilte a chur air Aonghas do chùirt an oilthigh ann an dreuchd a tha fhathast riatanach 'son dèanamh cinnteach gun obraich na colaistean uile sa chom-pàirteachas ag obair còmhla 'son freagairt air feumalachdan nan sgìrean aca agus fad is farsaing.

"Tha sinn a' tabhan tòrr a bharrachd do na h-oileanaich againn agus ann an suidheachadh làidir 'son a bhith an ceann nan colaistean is oilthighean ann an Alba a chionn 's gu bheil sinn a' lìbhrigeadh foghlaim adhartaich agus foghlaim àrd-ìre ann an dòigh shònraichte", thuirt e.

Bha Aonghas Caimbeul roimhe na cheannard air Comhairle nan Eilean Siar.

Bha e cuideachd na leas-chathraiche air Buidheann Nàdair na h-Alba, na chathraiche aig Bòrd Coimhearsnachd ChalMac, agus tha e cuideachd a' toirt taic làidir dhan Ghàidhlig.

Cothroman

Thuirt Mgr Caimbeul gun robh e air a dhòigh an cothrom seo a ghabhail os làimh:

"'S e àm a tha seo far a bheil cothroman eaconomach ùra a' tighinn am follais agus gu bheil dùbhlan dha rìreabh mu choinneamh na sgìre againn.

"Bidh pàirt riatanach anns an oilthigh againn 'son dèanamh cinnteach gun urrainn dhan a h-uile neach agus coimhearsnachd a dhol an sàs, agus buannachd fhaighiann às a' phlana 'son foghlaim adhartaich aig an ìre as àirde", thiurt e.

Tòisichidh Aonghas Caimbeul anns an dreuchd air 25 An Dàmhair 2021.