Goireasan cusbainn a dhìth san Eilean Sgitheanach

  • Air fhoillseachadh
Drochaid an Eilein Sgitheanach

Thug a' chompanaidh Nirribheach Mowi rabhadh seachad gum faodadh gum bi obraichean ann an cunnart aig an fhactaraidh mhòir aca anns an Eilean Sgitheanach mura tèid goireasan cusbainn a chur air dòigh an sin.

Tha iad ag ràdh nach bi cead aig soithichean a tha a' dol a Chaol Àcainn à Nirribhidh docadh ann bhon ath-bhliadhn' air sàilleabh riaghailtean ùra malairt.

Dh'iarr Mowi air Riaghaltasan na Rìoghachd Aonaichte agus na h-Alba coimhead air a' chùis.

Fo na riaghailtean ùra feumaidh soithichean docadh ann an Inbhir Ghòrdain airson cead cuspainn fhaighinn agus feumaidh an carago a dhol air làraidhean eadar taobh sear Rois agus an t-Eilean Sgitheanach.

Thuirt a' chompanaidh bhradain cuideachd gum bi buaidh nas motha aige sin air an àrainneachd.