
Chan eil ach 38% de mhuinntir Thiriodh a' bruidhinn na Gàidhlig a-niste.
Tha Comhairle Coimhearsnachd Thiriodh a' sireadh eadar-theangairean òga le Gàidhlig Earra-Ghàidheal airson eadar-theangachadh beò a dhèanamh air coinneamhan poblach air-loidhne.
Tha iad air maoineachadh fhaighinn airson Beurla eadar-theangachadh sa bhad gu Gàidhlig anns na coinneamhan Zoom aca.
Bidh roghainn ann le bruthadh putain air coinneamhan Zoom, agus a' Chomhairle ag ràdh gun cuidich sin le neartachadh na Gàidhig san eilean.
"Tha mise a' fuireach ann an seo airson còrr is 30 bliadhna, agus tha e furasta fhaicinn gu bheil a' Ghàidhlig a' dol sìos bliadhna air bliadhna," thuirt an Dr John Holliday a tha an sàs anns a' phròiseact.
"Thàinig a-mach, an-uiridh, aithisg chudromach, "The Gaelic Crisis in the Vernacular Community" a gus bha co-dhùnadh a thaobh Tiriodh gu sònraichte gu bheil staid na Gàidhlig gu math cugallach.
"Chan eil ann ach 38% a' bruidhinn Gàidhlig an-diugh, agus chan eil sin gu leòr.
"Bha sinn a' bruidhinn mu dheidhinn a' chuspair sin aig a' Chomhairle Choimhearsnachd, agus chuir sinn romhainn gun cuidich sinn an cànan ann an dòigh air choireigin.
"Bha sinn a' cleachdadh Zoom bhon thòisich am Pandemic, agus bha e fìor mhath dhuinn, agus tha a dhà uiread de dhaoine a' tighinn dha na coinneamhan againn.
"Bha sinn a' smaoineachadh, 's dòcha gun cleachd sinn goireas an eadar-theangachaidh air Zoom airson eadar-theangachadh beò a dhèanamh aig coinneimh choimhearsnachd.
"Bha sinn a' bruidhinn ri Cristie Moore, Oifigear Leasachaidh Gàidhlig aig Earra-Ghàidheal is Bòd, agus ri Kathleen O'Neill, on Culture, Heritage and Arts Assembly (CHARTS) sin buidheann ealain ann an Earra-Ghàidheal is Bòd.
"Chuir sinn a-staigh airson maoineachaidh bhon Chomhairle agus bha sinn soirbheachail.
"Tha triùir buidhnean a th' againne - Comhairle Coimhearsnachd Thiriodh, Comhairle Coimhearsnachd Mhuile, agus Co-roinn Ghàidhlig Mhuile agus Ìdhe, agus tha planaichean againn eadar-theangachadh beò a chur air coinneamhan poblach gach mìos bho Bheurla gu Gàidhlig.
Gàidhlig Earra-Ghàidheal
"Chuir sinn sanas a-mach agus fhuair sinn dithis, daoine proifeasanta - Iain MacIlleChiar agus Seumas Mac a' Bhreatannaich - agus tha iad gu math cleachdte ris an obair a dhèanamh.
"Ach tha sinn a' sireadh gu sònraichte mar obair-trèanaidh, ghuthan òga à Earra-Ghàidheal.
"Tha e cudromach blas Earra-Ghàidheal a chumail beò, agus b' fheàrr leinne gum bi sinn a' tàladh eadar-theangairean ùra a-staigh dhan phroifeasan mar gum biodh.
"Tha e gu math duilich eadar-theangachadh beò a dhèanamh, ach tha cùrsaichean ann, agus tha sinn an dòchas gum bi daoine òga a' tighinn a-staigh dhan phrògram againne.
"Chan eil e ann ach airson trì mìosan. Pròiseact pìleat a th' ann, agus às dèidh sin bidh sinn a' tomhas dè mar a bha gnothaichean, agus dè cho soirbheachail 's a bha e.
"Agus ma bhios gnothaichean gu math, tha mi an dòchas gum bi sinn a' cumail a' dol," thuirt e.