Naidheachdan 11:00m
Tha dragh air ceannardan slàinte gum faodadh geamhradh doirbh a bhith romhpa ann an Sasainn le cùisean Chovid ag èirigh agus dh'iarr iad air an Riaghaltas feadhainn de na bacaidhean a chur an sàs a-rithist. Thuirt Caidreachas an NHS gum feum an Riaghaltas 'Plan B' aca a chur an sàs fo am biodh masgaichean a' tilleadh, obair bhon dachaigh agus nas lugha de chruinneachaidhean mòra taobh a-staigh dhorsan.
Leanaidh an obair an-diugh a' dèanamh sgìre Kincaidston ann an Inbhir Àir sàbhailte airson gum faigh daoine air tilleadh dha na dachannan aca. Tha ceathrar san ospadal fhathast an dèidh an spreadhaidh a bhòn-raoir a leag aon taigh gu làr agus a mhill na h-uimhir de thoglaichean eile mun cuairt air.
Càrbon
Thèid ceistean a thogail ann an Taigh nan Cumantan an-diugh mu strataidsidh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte airson gasaichean millteach a ghearradh. Tha sin an dèidh dearbhadh an-dè nach fhaigh Pròiseact Acorn aig St Fergus ann an Siorrachd Obair Dheathain taic-airgid anns a' chiad chuairt den phrògram 'son càrbon a ghlacadh.
Tha a' chompanaidh àrach-èisg Mowi ag iarraidh air an Riaghaltas goireas cuspainn a chur aig an fhactaraidh aca ann an Caol Àcainn san Eilean Sgitheanach. Tha dragh air Mowi, le riaghailtean malairt ùra a thig gu bith an ath-bhliadhna, gum feum na soithichean aca a dh'fhàghas Nirribhidh a dhol a dh'Inbhir Gòrdain seach a Chaol Àcainn, agus gum feum làraidhean an uairsin an stuth a thoirt dhan Eilean Sgitheanach. Thuirt Mowi nach eil cunnart sam bith gun dùin iad an fhactaraidh ann an Caol Àcainn, ach gum faodadh e buaidh a thoirt air feadhainn den 70 a tha ag obair an sin.
Thòisich obair air stèisean rèile ùr aig Port-adhair Inbhir Nis. Chuir Hitrans am pròiseact air bhonn sa chiad dol a-mach agus bha dùil ris fosgladh bho chionn dà bhliadhna le aon làr. Ach ghabh Riaghaltas na h-Alba thairis e agus tha iad a-niste air am plana a leudachadh gu làr air gach taobh den rèile.