Mowi ag iarraidh ionad-cusbainn san Eilean Sgitheanach
Tha a' chompanaidh bradain Mowi airson 's gun rachadh ionad-cusbainn a stèidheachadh san Eilean Sgitheanach.
Tha dragh orra gun toir na riaghailtean ùra a thaobh malairt mu choinneamh Bhrexit droch bhuaidh air an obair aca an sin, far a bheil 70 neach ag obair aig an fhactoraidh biadh-èisg aca an Caol Acain.