COP26 a' toirt buaidh air rathaidean Ghlaschu

Tha Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu am measg nan àiteachan as motha a dh'fhairicheas buaidh ChOP26 nuair a thòisicheas e an ceann naoi làithean eile.

Thèid a dùnadh airson dà là aig toiseach na co-labhairt, le foghlam ga thoirt seachad aig an taigh.

Bhon ath-oidhche, tòisichear a' dùnadh rathaidean timcheall air làrach na co-labhairt, le dùil ri buaidh mhòir air siubhal sa bhaile.

Seo Darren Linc.