
Thòisich pròiseact ùr a tha ag amas air dèanamh cinnteach gum bi camain, na bataichean fiodha a tha air an cleachdadh airson iomain a chluiche, air an dèanamh san àm ri teachd.
Chan eil ach glè bheag de shaoir neo-eisimeileach gan dèanamh an-dràsta agus thathar ag aithneachadh gur e ceàrd a tha an cunnart a dhol à bith a th' innte.
Tha Comann na Camanachd ag obair an co-bhuinn le Colaiste Inbhir Nis OGE airson an obair a dhìon agus co-chomann luchd-ciùird a stèidheachadh.
Thuirt an t-òraidiche gnìomhachais aig a' cholaiste, Dàibhidh Jack: "'S e am prìomh amas againn taic a chumail ris an fheadhainn a tha a' dèanamh chaman gus an obraich iad còmhla airson an cuid eòlais agus sgilean a thoirt do dhaoine eile."

Bhon taobh cheàrr dhan taobh dheas: Manaidsear sgìreil Chumbria is Eilean Mhanain aig cottages.com, Mark Whitehouse; Àrd Oifigear Comann na Camanachd, Derek Keir: Deadhan nan Oileanach OGE,an Dtr Iain Moireasdan; Prionnsabal OGE, An t-Oll. Todd Walker; Ceann-suidhe Comann na Camanachd, Steven MacCoinnich; Manaidsear cottages.com, Stuart Walkden.
Tha pròiseact nan caman mar phàirt de cho-obrachadh nas fharsainge eadar Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean agus Comann na Camanachd.
Dh'aontaich an dà bhuidhinn gun obraich iad còmhla airson coimhead air na cothroman a th' ann an cois obair shaor-thoileach, foghlam, trèanadh agus fiosrachadh a sgaoileadh sna coimhearsnachdan.
Thuirt Àrd Oifigear Comann na Camanachd, Derek Keir: "Tha iomain aig cridhe mòran choimhearsnachdan Gàidhealach agus 's e am pròiseact seo dìreach aon dòigh anns am faigh iad buannachd às a' cho-bhanntachad acadaimigeach ùr againn leis an oilthigh."