Còmhraidhean ùra mu sheirbheis iùil HIAL
Chaidh fàilte a chur air an naidheachd gu bheil HIAL agus an t-aonadh Prospect air aonta a ruighinn air còmhraidhean mu sheirbheis iùil nan itealan sam àm ri teachd.
Fon aonta tha na dreuchdan aig luchd-iùil eileanach air an dìon, ach tha ceist ann fhathast mu lùghdachadh sheirbheisean ann am Beinn nam Fadhla agus Inbhir Ùige.
Seo Ruaraidh Rothach.