Maill air taighean ùra Stafainn

  • Air fhoillseachadh
Taighean ùra gan togailTùs an deilbh, Urras an Taobh Sear

Tha maill air sia taighean ùra ann an Stafainn san Eilean Sgitheanach le trioblaid gan ceangal ris an dealan.

Tha Urras an Taobh Sear a tha air cùlaibh a' phròiseict an dòchas gum bi iad gu math faisg air a bhith deiseil ron Nollaig.

'S ann air màl a bhios feadhainn de na taighean, le cuid eile ri cheannach, agus tha dà ionad gnìomhachais air an làraich.

"Tha am pròiseict a tha sin a' tighinn dhan ìre mu dheireadh, tha sinn toilichte a chantail, an dèidh seachd bliadhna de strì", thuirt Dòmhnall Dòmhnallach, a tha na bhall den Urras.

"Tha sia taighean ùra air an togail, agus tha ionadan gnìomhachais cuideachd ri taobh nan taighean a tha sin.

"Tha sinn an dòchas gum bi sinn gu math faisg air a bhith deiseil ro àm na Nollaige.

"Tha sinn air a bhith a' feitheamh airson an dealan a bhith air a chur a-steach, agus 's dòcha gun do chùm sin beagan dàil ann an gnothaichean, ach tha fhios againn a-niste gu bheil sin a' tachairt meadhan na mìos a tha seo, agus gluaisidh gnothaichean air adhart às dèidh sin gu math sgiobalta.

"'S e dà thaigh a tha le Urras an Taobh Sear, tha dà thaigh eile le Buidheann Taigheadais an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse, agus cuideachd dhà eile le Urras Choimhearsnachdan Beaga na Gàidhealtachd," thuirt e.

Chan iad an t-Urras fhèin a th' air co-dhùnadh cò tha a' faighinn nan taighean a tha air màl, 's am bòrd air seasamh air ais gus an gnothach fhàgail ann an làmhan dhaoine eile.

'S ann do dh'NHS na Gàidhealtachd a tha fear den dhà ionad gnìomhachais a' dol, ach cha deach innse fhathast cò a tha a' faighinn an fhir eile.