Naidheachdan 11:00m

Baltair Mac a' Ghobhainn

Tha luaidh ga dhèanamh air seann mhanaidsear Rangers agus Alba, Bhaltair Mac a' Ghobhainn. Bha e 73 bliadhna de dh'aois, agus bha e air a bhith a' fulang le droch shlàinte bho chionn ùine. Ghlèidh e deich tìotalan lìge, Cupa na h-Alba còig tursan, agus Cupa na Lìge sia tursan. Thuirt Rangers gum bi ionndrainn mhòr air.

Stailc Rèile

Thuirt Ministear na Còmhdhail, Graeme Dey, nach eil cus dòchais aige gun gabh stailc rèile seachnadh aig àm co-labhairt na gnàth-shìde, COP26, ann an Glaschu. Thuirt e gur e briseadh dùil a th' ann gun do dhiùlt an t-aonadh, RMT, tairgse paighidh. Tha an t-aonadh ag ràdh gu bheil Riaghaltas na h-Alba a' cur "gunna ri an claigeann" le bhith ag iarraidh orra gabhail ris an tairgse ro 5:00f a-màireach.

Rodain

Thuirt an t-aonadh GMB gur ann nas miosa fhathast a bhios trioblaid le rodain ann an Glaschu. Thuirt cathraiche an aonaidh, Chris Mitchell, gur e sin toradh fad bhliadhnaichean de ghearraidhean, agus tha rabhadh ann gum faod luchd-glanaidh a' bhaile a dhol air stailc aig àm COP26. Thuirt ceannard Comhairle Baile Ghlaschu, Susan Aitken, an-dè, nach eil iad aig ìre fhathast far a bheil rodain, no binichean sgudail a' cur thairis, a' dèanamh cus dragh dhaibh.

Greta Thunberg

Thuirt Greta Thunberg gum bi ise a' gabhail pàirt ann an iomairt stailce mun ghnàth-shìde ann an Glaschu air a' 5mh là den ath-mhìos. Thuirt an tè-iomairt às an t-Suain air a làrach Twitter, gu bheil i a' cur taic ri luchd-obrach a bhiodh air stailc ann an Glaschu aig an àm, agus dh'iarr i orra pàirt a ghabhail sa chaismeachd eadar Pàirce Khelvingrove agus Ceàrnan Sheòrais.

Covid

Bheir Nicola Sturgeon am fiosrachadh às ùire do Phàrlamaid na h-Alba an-diugh air àireamhan Covid na h-Alba. Tha na pàrtaidhean dùbhlanach ag iarraidh gealltanais gun dèan an Riaghaltas an dìcheall às leth nan seirbheisean slàinte.