Arc-eòlas ùr air Àraich Chùil Lodair

  • Air fhoillseachadh
Cùil Lodair
Fo-thiotal an deilbh,

B' ann air ceann clì an Airm Dheirg a bu mhotha a bha de shabaid làimhe sa bhlàr, le Fir Athall, na Camshronaich, na Frisealaich agus Stiùbhartaich na h-Apann a' tighinn ri uchd Barrell's 4th Foot.

Tòisichidh obair àrc-eòlais ùr an t-seachdain seo air Àraich Chùil Lodair, feuch fianais a lorg far an robh pàirt den Arm Dhearg a' seasamh.

'S ann faisg air an rathad a dh'ionnsaigh an ionaid-thadhail a tha an làrach, far an robh ceann clì an dàrna loidhne aig an Arm Dhearg a' seasamh.

Rinneadh obair roimhe air "Raon nan Sasannach", far an robh ceann clì loidhne aghaidh an Airm, timcheall air seann Bhothan Lèanaich.

An turas seo thèid sreath de shlocan deuchainn a chladhach feuch an lorgar leithid bhucail, buill mhusgaid, putain agus eile, a chaidh dàrna cuid a leigeil le saighdearan an Riaghaltais, no a losgadh leis na Seumasaich ach a chaidh seachad air prìomh loidhne an nàimhdean.

B' ann air ceann clì an Airm Dheirg a bu mhotha a bha de shabaid làimhe sa bhlàr, le Fir Athall, na Camshronaich, na Frisealaich agus Stiùbhartaich na h-Apann a' tighinn ri uchd Barrell's 4th Foot.

Air cùlaibh Barrells ge-tà, bha Sempills 25th, agus Blakeney's 27th, a bha nan seasamh air an talamh far an tèid an obair àrceòlais ùr seo a dhèanamh.

Thèid cuideachd dealbhan didseatach agus dròna a thogail gus ìomhaigh 3D de Chuimhneachan Chùil Lodair a chruthachadh, a thuilleadh air clachan cuimhneachaidh eile a th' air raon a' bhlàir.

Thèid cuireadh a thoirt don phoball bruidhinn mun obair a tha a' dol air adhart, agus thèid là fosgailte a chumail aig an làraich air 30mh an Damhair eadar 10:00m agus 4:00f.