An aghaidh cuan de thrioblaid

  • Air fhoillseachadh
CorranTùs an deilbh, Teàrlach Quinnell
Fo-thiotal an deilbh,

Tha barrachd air aon dòigh, fhios a'ad?

LeTeàrlach Quinnell
Fear-naidheachd a' BhBC

Tha atharrachadh na gnàth-shìde ag adhbharachadh mòran iomagain ann an iomadh duine.

Chan eil e furasta a thuigsinn, 's faodar a bhith a' faireachdainn nach eil mòran as urrainn dhuinn fhèin a dhèanamh gu pearsanta a nì mòran diofair ann an cuan mòr de thrioblaid.

Tha uiread ceàrr air an t-saoghal ri linn mhic an duine, 's gu bheil diofar thrioblaidean gam mabladh suas còmhla ris, ged nach eil iad air an aon sheòrsa idir.

Tha diofar ann, mar eisimpleir, eadar truailleadh a tha ag adhbharachadh atharrachadh na gnàth-shìde (truailleadh chàrboin) agus truailleadh a nì cron air nàdar - ged a bhithear gu tric a' bruidhinn air "an àrainneachd" a' gabhail a-steach an dà chuid.

Ged a tha an dà chuid fo bhuaidh aig atharrachadh na gnàth-shìde, chan eil treallaich a bhith ga shadail a-mach taobh an rathaid (mar eisimpleir) ga adhbharachadh - ged a tha e a' bualadh air nàdar.

Tha e gu math nas fhasa a bhith a' dèiligeadh ri trioblaidean a thaobh truailleadh nàdair - sgudal, puinnseanachadh na talmhainn 's nan uisgeachan, mòr-bhàs fiadh-bheatha etc - na tha e a bhith ag atharrachadh ar dòigh-beatha a chùm dèiligeadh ri atharrachadh na gnàth-shìde.

Tha cuid ag ràdh gu bheil e ro anmoch a-niste co-dhiù.

'S e rud a th' ann ge-tà, gu bheil rudeigin ann am mac an duine a tha ag iarraidh feuchainn.

Tha leithid ri chur ceart, eadar gach trioblaid, airson ar saoghal a chàradh chun na h-ìre 's gum bi sinn reusanta cinnteach gun lean a' bheatha, 's gur mithich dhuinn tòiseachdainn.

Tha cosgais mhòr an lùib a bhith ag atharrachadh na dòigh-beatha againn ach an lean e air adhart air car an aon nòs gun a bhith a' milleadh ghnothaichean.

Leithid a bhith a' dèanamh ar dachannan nas èifeachdaiche a thaobh teas agus cumhachd, no a bhith a' faighinn fuasgladh don iomadh trioblaid a tha an lùib còmhdhail, 's gu bheil taic o thaobh a-muigh ar beatha phearsanta a dhìth an sin.

Tha tomhas ann gu bheil, ann an dùthchannan leithid na Rìoghachd Aonaichte agus nan Stàitean Aonaichte, còmhdhail ag adhbharachadh barrachd thruaillidh chàrboin na dad eile - cruthachadh dealain agus àiteachas san àireimh.

Clàr bhuntàt'Tùs an deilbh, Teàrlach Quinnell
Fo-thiotal an deilbh,

'S e glè bheag de dhaoine as urrainn a' mhòr-chuid den bhiadh aca fhèin fhàs...

Tha tomhas ann cuideachd, gu bheil mar a bhios ar cuid bìdh ga chruthachadh na làithean seo an urra ri 30% de thruailleadh chàrboin.

Agus tha connadh dachaigh, agus an tùs às an tig ar cuid dealain cuideachd cudromach a thaobh na buaidhe a tha sinn fhèin a' toirt air cùisean.

Gu leòr ri chnuasachadh, agus is beag an t-iongnadh, ann an dòigh, gu bheil sinn air cho beag adhartais a dhèanamh, a dh'aindeoin cho fada 's a tha sinn air a bhith le fios gun robh atharrachadh riatanach.

B' eòlach do Sheanair air

Tha e furasta a dhìochuimhneachadh gu bheil glè bheag de dh'ùine air a dhol seachad bho thòisich ar dòigh beatha san riochd sa bheil i an-diugh.

Ma thèid sinn air ais can dà ghinealach, bha sinn beò san dùthaich seo ann an dòigh a bha gu math nas seasmhaiche na tha an-diugh, ged nach robh a h-uile rud ceart.

'S e as motha a dh'atharraich on àm sin - a thuilleadh air fada a bharrachd dhaoine a bhith ann - gu bheil barrachd feum air airgead an-diugh, agus gum faighear iomadh rud a bharrachd le airgead na b' àbhaist - cuid dheth air nach eil feum againn, 's a tha le buaidh aige fhèin air an t-suidheachadh.

Ma choimheadas sinn ri biadh, bha ar seann phàrantan ag ithe cus nas lugha de dh'fheòil na tha sinne.

SguaisicheanTùs an deilbh, Teàrlach Quinnell
Fo-thiotal an deilbh,

Tha gu leòr cho math ri cuirm...

Bha am biadh a bha iad ag ithe na bu choltaiche a bhith air tighinn à àite gu math nas fhaisge air làimh na thig e an-diugh, 's an eaconomaidh fhathast air bun-stèidh gu math nas ionadaile.

Gu h-àraid tìde a' chogaidh, (ach ann an tìde na sìthe cuideachd) bha e àbhaisteach do dhaoine a bha le cothrom air, a bhith a' cur 's a' buain co-dhiù pàirt den bhiadh aca fhèin, 's a bhith a' cumail bheathaichean air choireigin airson leithid feòla agus uighean.

Ma mhaireas e, bidh aon rud math air tighinn a-mach à suidheachadh Covid - gu h-obann, mhothaich mòran dhaoine gun robh iad airson glasraich a chur. Ma chumas iad orra, agus ma chuireas iad gu leòr, bidh buaidh aige sin air na thruaillear le bhith a' fàs 's a' gluasad bìdh mun cuairt.

Tha iarrtas nas motha na bh' ann riamh air liosan air màl airson seo, le gàrraidhean taighe a' sìor fhàs nas lugha, ach am faighear air barrachd thaighean a thogail.

Tha cuideachd gàrraidhean coimhearsnachd ann, le nàbaidhean ag obair còmhla 's a' daingneachadh chàirdeasan ùra stèidhichte air biadh.

Chan ann a-mhàin air "an àrainneachd" a bheir a leithid piseach. Bheir e piseach air càilleachd na beatha againn cuideachd, gach cuid a thaobh slàinte, agus gu sòisealta.

'S e glè bheag de dhaoine as urrainn a' mhòr-chuid den bhiadh aca fhèin fhàs. Tha iomadh rud a' dol san rathad air - cothrom air fearann agus cho daor 's a tha e; am feum a th' againn air ar cuid ùine a chaitheamh a' cosnadh ach am bi airgead gu leòr againn; clann... iomadh rud.

Mar fhear a bha thall 's a chunnaic - tha mi fhèin am measg an dream air leth fortannach ud a tha le cothrom air mo chuid bìdh a chur, àrach 's a bhuain dhomh fhèin - tha cuideachd rud eile ann - tha e claoidhte! Feumar a bhith fut air a shon, 's tha an-còmhnaidh an smuain na mo cheann, a dh'aindeoin an t-sàsachaidh agus cho blasta 's a tha am biadh a chuireas mi air mo thruinnsear - gum biodh e fada na b' fhasa dìreach a bhith a' pàigheadh cuideigin eile airson an obair mhòr seo a dhèanamh!

Feumar a bhith fut - agus, 's dòcha, beagan craicte.

Co-dhiù no co-dheth, tha mi toilichte gu bheil mi a' dèanamh rudeigin a bheir dhomh beagan smachd air gnothaichean. 'S e a tha feumail 's gainnead sna bùithtean! Tha e cuideachd a' còrdadh rium... a' mhòr-chuid den ùine.

Nan cosgamaid beagan nas lugha ùine air beulaibh an telebhisein, no a' dèanamh rudan eile nach cuir grèim air ar beulaibh, dh'fhaodadh iomadh duine againn a bhith a' dèanamh barrachd a thaobh biadh fhàs. 'S e rud ge-tà, gu bheil fois agus leisg a dhìth ann am beatha thrang, dhòrainnich. Innis dhomh mu dheidhinn!

Seann, seann Sheanair Theàrlaich Quinnell (Charles Parnell) a' dràibheadh each is cairtTùs an deilbh, Teàrlach Quinnell
Fo-thiotal an deilbh,

B' eòlach mo (shìn, shìn) Sheanair air còmhdhail uaine...

Ma choimheadas sinn air còmhdhail, feumaidh mi fhèin aideachadh gu bheil feum agam air càr.

Airson a bhith beò mar a tha mi beò, tha e riatanach. Tha mi a' fuireach air an tuath, 's ag obair sa bhaile mhòr - rud eile a th' air atharrachadh bho dheireadh a' chogaidh mu dheireadh.

Cha bhiodh e cho furasta dhomh a bhith a' dèanamh oidhirp a thaobh bìdh dheth nam bithinn a' fuireach sa bhaile mhòr ge-tà. Agus co-dhiù, cha toil leam bailtean mòra.

Nam faighinn air càr dealain a cheannach a dhèanadh a' chùis dhomh, bhithinn ro dheònach - ach tha iad gu math math daor.

Chan eil còmhdhail phoblach a' freagairt orm idir.

Bhithinn fhèin gu math na bu thoilichte le each is cairt, ach coltach ris a h-uile duine eile, cha dèan sin a' chùis ma dh'fheumas mi siubhal gu taobh thall na dùthcha - mar a dh'fheumas aig amannan. 'S e a bhiodh math dhan lios agam cuideachd, a thuilleadh air feum sam bith eile a dhèanainn den bheathach bhochd aig deireadh an rathaid. Chan urrainn dhut sin a ràdh mu chàr - fiù 's càr dealain!

Chan fhaic mi fhèin gum bi cothrom sam bith agam air còmhdhail nas uaine a chleachdadh an-diugh no a-màireach. Chan eil rèile san sgìre agam tuilleadh, agus ged a bhitheadh, 's iongantach gum biodh trèana ann dar a chuirinn-sa feum air. Chleachdainn sin an àite plèana airson siubhail fhada ge-tà - nam faighinn air pàigheadh air a shon.

Speal is feurTùs an deilbh, Teàrlach Quinnell
Fo-thiotal an deilbh,

Nì aon duine diofar, ann an da-rìribh...

Ma choimheadas sinn air connadh agus dealan, gabhaidh rud no dhà dèanamh. Tha cothrom agam air dealan "uaine" a cheannach. Ma tha sin nas fheàrr na dealan à connadh fosail, glè mhath - ged a tha buaidh air choireigin aig a h-uile rud a th' ann.

Nam òige, bha sanasan air an telebhisean a' feuchainn ri toirt oirnn nas lugha chumhachd a chleachdadh. "When you boil a kettle for tea. When you run a bath - you use energy..." Chan eil guth air sin an-diugh, 's gaidseatrachd an làimh a h-uile duine. 'S dòcha gur mithich dhuinn sin fheuchainn uair eile cuideachd.

'S e glè bheag as urrainn dhomh a dhèanamh mun chonnadh leis a bheil an dachaigh agam ga theasachadh ge-tà, 's an taigh air màl agam. Nam faighinn air taigh a cheannach, no a thogail, b' e fiodh an connadh a roghnaichinn, a thuilleadh air fìor dheagh insulachd. Chan eil fiodh gu leòr ann ge-tà, airson 's gun dèan a h-uile duine an roghainn sin. Co-dhiù, 's dòcha gur e mòine (connadh fosail, ach connadh ionadail air a shon sin) a b' fhasa fhaighinn, nam bithinn a' fuireach sna h-eileanan.

Cuan mòr de thrioblaidean. Nach i an trioblaid as motha ge-tà, an dòigh sa bheil sinn beò an-diugh? Càraichean, teas bho ola is gas, biadh air a fhàs ann an dòighean mòra millteach a nì sgrios air nàdar, 's a thig thugainn bho na ceudan mhìltean air falbh, air a phasgadh ann am plastaig... Innealan air an ruith le dealan (b' eòlach do sheanair air an siud!)

Tha iad sin uile air tighinn a-steach dhan bheatha againn ann an ùine ghlè ghoirid. Eil feum againn orra? Tha agus chan eil. Eil sinn gan iarraidh? Tha agus chan eil. Chan ionnan sinne agus ar seann-phàrantan.

Tha roghainn agus do-roghainn an lùib na cùise - cuid a dh'fhaodas sinn atharrachadh, agus cuid a tha ro dhoirbh atharrachadh.

'S dòcha gur i a' cheist as motha, mar a chuireadh e uair dha robh saoghal - "co-dhiù tha e nas uaisle san inntinn a bhith a' fulang thabhall is saigheadan an fhortain uabhasaich, no arm a thogail an aghaidh cuan de thrioblaid". Tha roghainn an sin.