Clachain ùra san amharc

Dh'iarradh Stòras Uibhist gun deigheadh tòiseachadh air taighean a thogail sa sgìre, fo stiùir na buidhne fhèin, as t-samhradh an ath-bhliadhna.

Chaidh com-pàirteachas le Taigheadas Sgìreil Alba fhoillseachadh air a' mhìos seo agus iad ag amas air clachain ùra - neo Smart Clachain - a thogail.

Feumaidh mòran a bhith air aontachadh agus a' phròiseact aige ìre thràth fhathast. Tha Shona NicDhòmhnaill ag aithris.