Cuideam air a' mhòintich

  • Air fhoillseachadh
Mòinteach

Cluinnidh luchd-frithealadh co-labhairt COP26 gum faodadh a' mhòine a bhith cudromach ann an strì na h-àrainneachd.

Thèid tachartas sònraichte a chumail fhad 's a bhios a' cho-labhairt a' dol 'son deasbad air mar a ghabhas a' mhòinteach a chur gu feum 'son càrbon a ghlasadh.

Tha obair a' dol air adhart mar thà ann an Alba 'son a' mhòinteach a dhìon a thaobh mar a tha i a' glasadh chàrboin.

A-nis tha eòlaichean bho Cholaiste Àiteachais na h-Alba gu bhith an teis-mheadhain chòmhraidhean aig COP26 a thaobh na thathas a' dèanamh leis a' mhòintich agus na cothroman a th' ann.

A' coinneachadh ri eòlaichean à dùthchannan eile, canaidh iad mar a dh'fhaodas an goireas nàdarra a tha seo a chleachdadh 'son gearradh sìos air truailleadh.

Cuiridh iad cuideam ge-tà, air mar a tha airgead a dhìth, agus feum air dìon dhan mhòintich, le gu leòr dhith a dhìth càraidh, airson seo a choileanadh.