Ionad-obrach is càraidh tuath-gaoithe gu bhith an caladh Bhucaidh

  • Air fhoillseachadh
Crann-gaoithe

Chaidh caladh Bhucaidh a thaghadh mar làrach airson ionad-obrach is càraidh airson tuath-gaoithe mòr ann an Linne Mhoireibh.

Tha an luchd-leasachaidh Ocean Winds ag ràdh gum bi 85 tùraichean gaoithe stèidhichte 14 mìltean a-mach bho chladach Ghallaibh.

Tha dùil gum bi an tuath-gaoithe a' cruthachadh dealain ro 2024.

Tha Comhairle Mhoireibh a' toirt pàirt den chidhe do Ocean Winds air màl far an tèid togalach ùr an àirde agus pontoon ùr a thogail.