
Chaidh aithris gun robh an tràlair ag obair faisg air Eilean Longa.
Tha rannsachadh a' leantainn às dèidh mar a nochd aithrisean gun robh tràlair ag iasgach gu mì-laghail ann an Loch Gheàrrloch air Taobh Siar Rois.
Chaidh a' chùis a thogail sa Phàrlamaid Albannaich leis a' BhPA Uaineach Gillain NicAoidh.
Chaidh innse gun robh an soitheach a' tràladh faisg air Eilean Longa ann an Loch Gheàrrloch - sgìre a tha fo dhìon mara gu h-oifigeil agus a tha cudromach airson taic a chumail ri àireamhan sgadan air a' chosta an iar a tha air a bhith a' crìonadh thar nam bliadhnaichean.
Chaidh bàta agus itealan bho sgioba dìon na mara aig Riaghaltas na h-Alba chun na sgìre a dhèanamh rannsachaidh agus tha oifigich ag ràdh gu bheil a' chùis a' leantainn.
Thuirt Ms NicAoidh nach eil a' chàin de £2,000 a th' ann an-dràsta a thèid air bàtaichean a bhios ag iasgach ann an sgìrean nach bu chòir ag obrachadh.
Tha i cuideachd ag ràdh nach eil an uidheamachd 'son bàtaichean a leantainn air a cur air a h-uile bàta fhathast, ged a chaidh aontachadh bho chionn trì bliadhna an ceum seo a ghabhail.
Dh'aidich Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Màiri Gougeon, gun robh e doirbh smachd a chumail air costa cho farsainn, ach thuirt i gun robh earbsa aice ann am Buidheann Mara na h-Alba, agus gum biodh iad a' leantainn gach aithris de dhol a-mach mì-laghail.