Naidheachdan 11:00m
Bàt'-iasgaich
Thuirt Rùnaire na h-Àrainneachd aig Westminster, George Eustice, gum faodadh Breatainn dìoghladh air an Fhraing san aimhreit mu chòraichean iasgaich às dèidh Brexit. Tha tràlair Albannach an grèim aig na Frangaich, a tha a' maoigheadh gun dèan iad barrachd air an sin mur am faigh iad tuilleadh cead air iasgach ann an uisgeachan Bhreatainn. Thuirt Mgr Eustice gum faod dà thaobh gabhail gu cleasachd den t-seòrsa sin. Fhuair Tosgaire na Frainge sumanadh gu Oifis nan Dùthchannan Cèin a dheasbad na cùise.
Tuiltean
Dh'fhalbh tuil le dà dhrochaid agus tha na h-uimhir de dhachannan fo uigse ann an Dùn Phris agus Gall-Gàidhealaibh an dèidh uisge trom an-dè agus an-raoir. Tha prìomh loidhne-rèile a' chost an iar dùinte gus an dèan Network Rail cinnteach am bheil Drochaid-rèile Annan sabhailte. Thuirt poilis gur iad seo na tuiltean as miosa sa sgìre ann an iomadh bliadhna.
Am Pàp
Dh'iarr am Pàp Prainnseas air ceannardan aig co-labhairt na gnàth-shìde ann an Glaschu air an ath cheala-deug dòchas a thoirt dhan t-saoghal. Ann an teachdaireachd a chlàr e dhan BhBC, dh'iarr e air na bhios aig a' cho-labhairt cabhag a dhèanamh a' dèiligeadh ri trioblaid na gnàth-shìde.
Casaidean drabasta
Tha fear, a tha na oifigear poilis anns a' Mhet, fo chasaidean co-cheangailte ri drabastachd an aghaidh chloinne, an dèidh rannsachadh a rinn Polais Hertfordshire. Tha dùil ris an Detective Constable Francois Olwage, a tha 51, ann an Cùirt nam Maighstirean Lagha ann an Basingstoke. Chaidh a chasg bho obair rè-ùine agus chaidh a' chùis a thoirt do Bhuidheann Faire nam Poileas.
Cùram
Chaidh innse do mhìltean dhaoine aig am bheil feumalachdan sònraichte gur e cion luchd-obrach as coireach nach fhaigh iad an cùram a tha a dhìth orra agus gu bheil feadhainn air an t-seirbheis a chall mu thràth. Tha sin a' toirt buaidh air sgìrean mar Fìobha, Earra-Ghàidheal agus Bòd, agus Lodainn. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' feuchainn ri luchd-obrach fhastadh.
Ofgem
Thuirt buidheann riaghlaidh na cumhachd, Ofgem, gu bheil iad ri linn cho mòr 's a dh'èirich prìs a' ghas, a' beachdachadh air atharrachadh a thoirt air an t-siostam airson smachd air a' phrìs a tha luchd-cleachdaidh a' pàigheadh. Thuirt Ofgem gu bheil feum air gluasad an dèidh dhan a h-uimhir dhe na companaidhean cumhachd a dhol fodha bho chionn ghoirid.