Tubaist anns a' Ghearasdan

  • Air fhoillseachadh
Pàirc bhùithtean air an A82Tùs an deilbh, Google

Bhuail carbad ann am boireannach a bha na cois air an A82 anns a' Ghearasdan.

Thachair an tubaist mu 14:15 Dihaoine agus chaidh an rathad a dhùnadh a' dol gach taobh.

Thathar a' tuigsinn gun deach am boireannach a bhualadh faisg air pàirc bhùithtean.

Thug Poileas Alba agus Còmhdhail Alba rabhadh do dhraibhearan gum bi dàil ann.

Tha an rathad a-nis air fosgladh a-rithist.