
Tha am podcast ùr "A-nunn 's A-nall" a' gealltainn togail air na ceanglaichean ciùil eadar Alba is Èirinn tro "chraic, co-luadar agus cabadaich".
'S e Joy Dunlop agus Edel Ni Churraoin an sgioba a tha air cùl A-nunn 's A-nall, pod-chraoladh ann an Gàidhlig agus Gaeilge.
"Tha mi cinnteach gu bheil e caran coltach ri Sruth na Maoile, tha sinn a' cabadaich anns gach cànan ach chan e prògram ciùil a th' ann, 's e prògram còmhraidh a th' ann", thuirt Joy Dunlop, tè de na tha a lìbhrigeadh a' phodcast.
Mothachail
"Tha an dithis againn nar ceòladairean ach tha sinn a' bruidhinn air cuspairean làitheil na Gàidhlig agus na Gaeilge, a' coimhead air na diofaran ach cuideachd a' bruidhinn air suidheachadh an là th' ann agus a' feuchainn ri chèile a thuigsinn.
"Tha sinn air a bhith eòlach air a chèile airson còig bliadhna agus tha sinn air a bhith a' strì gus bruidhinn ann an cànan sam bith ach Beurla agus bha sinn mothachail gun robh tòrr ann a bha gu math coltach ri chèile agus gun robh e furasta sin a dhèanamh.
"Shaoil sinn gur e dòigh a bhiodh ann cànan càch a chèile ionnsachadh ach cuideachd a bhith a' bruidhinn air suidheachadh nan cànain anns an là a th' ann agus a bhith a' bruidhinn air na coimhearsnachdan cuideachd", thuirt Ms Dunlop.
Tha am pod-craoladh a' faighinn taic bho Bhòrd na Gàidhlig.
Cluinnear a' chiad phodcast Diardaoin, an 4mh là den t-Samhain agus bidh iad a' tighin a-mach gach dàrna seachdain.