
Tha iasgair-clèibh air costa siar na Gàidhealtachd air dragh a thogail mu thràlairean ag obair gu mì-laghail ann an Loch Gheàrrloch.
Tha casg air tràlairean agus dreidsearan bho bhith ag obair anns an sgìre air sgàth 's gur e làrach chudromach do sgadan a th' ann.
Tha Riaghaltas na h-Alba a' rannsachadh cùis air a' mhìos sa chaidh, far an deach soitheach bho Sheirbheis Dìon an Iasgaich a chur dhan sgìre, às dèidh aithrisean nochdadh gur robh tràlair ag iasgach ann.
Tha Iain Macwhinney à Bad a' Chrò air bhith ag iasgach sa sgìre airson còig bliadhna deug thar fhichead, agus 's e Cathraiche Comann Ionadail nan Iasgairean-clèibh.
Bha e ag ràdh gu bheil tràlairean rim faicinn tric san sgìre agus dh'iarr e peanasan nas cruaidhe air an son.
Thuirt Cùisean Mara na h-Alba gu bheil iad fhathast ga rannsachadh.