Buaidh COP26 air Glaschu

Tha COP26 a' toirt buaidh mhòr air baile Ghlaschu le rathaidean dùinte agus mìltean a' cruinneachadh airson fianais a thogail mu atharachadh na gnàth-shìde.

Agus chan eil coltas ann aig an ìre-sa gun tèid binichean a thogail no gun tèid na sràidean a ghlanadh an dèidh do na còmhraidhean eadar riochdairean an aonaidh, an GMB, agus Comhairle Bhaile Ghlaschu a thighinn gu ceann an-raoir gun aonta.

Seo am fear-naidheachd againn, Calum MacAmhlaigh.