Turas tro na h-eileanan ann an càr-dealain: Barraigh
Tha Riaghaltas na h-Alba a' cur romhpa nach tèid an còrr chàraichean peatral no dìosal ùr a reic as dèidh na bliadhna fichead agus dusan thar fhichead 2032.
Tha sin ochd bliadhna nas tràithe na Riaghaltas Westminster agus tha e aig meadhan plana Riaghaltas na h-Alba 'son truailleadh bho charbon a ghearradh.
Ma tha duine son car ùr a cheannach as dèidh sin, 's e càr-dealain a bhios ann agus thig air dràibhearan fàs cleachdte ris an teicneòlas.
Tha an tè-naidheadhd againn, Eilidh NicLeòid, a' dol air turas rannsachaidh an t-seachdain seo.