
Tha ceangal mòr eadar staing na h-àrainneachd agus slàinte dhaoine - sin teachdaireachd bho bhuidhinn de luchd-obrach meidigeach a tha a' bruidhinn ri daoine air prìomh shràid Inbhir Nis an t-seachdain seo, is co-labhairt mhòr na gnàth-shìde COP26 a' dol ann an Glaschu.
Tha dotairean stèidhichte air a' Ghàidhealtachd a' cumail stàile airson fiosrachadh a chumail ri daoine mu na ceanglaichean eadar na tha math dhan àrainneachd agus do shlàinte mhic an duine - leithid gun uimhir de dh'fheòil ithe agus càraichean a sheachnadh.
Tha a leithid a' tachairt ann am bailtean eile cuideachd.
Comhairle
Thuirt Ailean Turner a bha na fhear-lannsa fad bhliadhnaichean gu bheil e cudromach gum bi daoine ag ithe bìdh nas fheàrr agus a' dèanamh barrachd eacarsaich.
Bha e ag ràdh: "Bu chòir dhuinn a bhith a' coiseachd mhìltean a h-uile là no falbh a-mach le ar cloinn agus an ath-ghinealach - tha e a' tighinn air ais thugainn uair is uair gur ann airson an ath-ghinealach a bu chòir dhuinn a bhith deatamach anns a' chùis a tha seo."
An t-àm ri teachd
Thuirt e cuideachd: "Tha mi a' smaoineachadh a-nis gu bheil luchd-saidheans agus luchd-eòlais air tòiseachadh air rannsachadh air mar a tha an saoghal beò anns an fharsaingeachd agus na rudan a tha sinn a' dèanamh nach bu chòir dhuinn a bhith a' dèanamh agus mar bu chòir dhuinn a bhith ag atharrachadh ar dòigh làitheil agus ar dòigh-obrach cuideachd - càite am bu chòir an t-airgead a bhith air a chur agus dè na rudan a bu chòir dhuinn a bhith a' tòiseachadh air às ùr agus ag ionnsachadh do dhaoine òga cuideachd."