Gealltanas mu chraobhan

  • Air fhoillseachadh
Craobh ga leagail anns a' ChongoTùs an deilbh, Getty Images

Aig COP26 ann an Glaschu - tha còrr air ceud ceannard dùthcha air aontachadh an ainmean a chur ri stad a chur air a bhith leagail chraobhan ann an coilltean mòra an t-saoghail ro 2030.

Tha Braisil am measg nan dùthchannan a th' air an ainm a chur ris an seo - far a bheil pàirtean mòra den choille-dlùth an Amazon air a bhith air an gearradh sìos.

Tha an t-aonta luach £14bn ann am maoineachadh poblach is prìobhaideach.

Toileachas

Thuirt Teàrlach MacNèill, àrd-chomhairliche aig Prògram Àrainneachd nan Dùthchannan Aonaichte gun robh e air a dhòigh ghlan leis an naidheachd.

Agus ron sin uile, b' i boireannach òg às an Eilean Sgitheanach - Brìghde Chaimbeul - a dh' fhosgail COP feasgar Diluain - le puirt air a' phìob.

Bànrigh

Oidhche Luain mun àm a thàinig an t-aonta mu na coilltean mòra, dh' iarr a' Bhanrigh air ceannardan an t-saoghail a bhith nan sàr cheannardan - 'achieve true statesmanship' thuirt i - agus bliadhnaichean nas sàbhailte a chruthachadh dhan phlanaid.

Ann an ceangal bhideo, bho na b' urrainn dhi a bhith ann, dh' iarr i air na bha an làthair rudeigin a dhèanamh dhan chloinn againn agus dhan chloinn acasan.

Dùbhlan

Dùbhlan mòr a th' ann thuirt i, ach tha eachdraidh air innse gu bheil dòchas ann nuair a dh'obraicheas dùthchannan còmhla.

Ach bha teachdaireachd eile aig an tè-iomairt òg Greta Thunberg a' bruidhinn is feadhainn a' togail fianais ann an Glaschu - thug i slaic air na ceannardan is thuirt e gur ann bho na daoine fhèin a thigeadh atharrachadh.