
Tha ìmpidh ga chur air comhairlichean ann am Moireibh barrachd a dhèanamh gus sgìrean aig beul Uisge Spè a dhìon bho thuiltean.
Chaidh aithisg bho luchd-comhairleachaidh a dh'iarr comhairle choimhearsnachd a thoirt do dh'oifigearan gus an dèan iad coimeas le sgrùdadh a chaidh a dhèanamh dhaibh pèin, nach deach fhoillseachadh fhathast.
Rabhadh
Tha rabhadh an sàs aig buidheann na h-àrainneachd SEPA an-dràsta airson tuiltean eadar Ràthais agus beul na h-aibhne is uisge mòr air a bhith ann thairis air na lathaichean mu dheireadh.
Tha seo a' cur an cuimhne dhaoine na cunnartan a th' ann bho thuiltean ann an Geàrr Magh agus Kingston.
Tha dùil gun tèid tuiltean a dheasbad aig Comhairle Mhoireibh an t-seachdain sa tighinn.
Cùrsa na h-aibhne
Thuirt Seumas Mackie bho Chomhairle Choimhearsnachd Innes gum bu chòir oidhirp a dhèanamh cùrsa Abhainn Spè atharrachadh:
"Mholadh sinne rudan nàdarrach a chleachdadh, samhail craobhan, airson an abhainn a chur gu sear air falbh bho Gheàrr Magh - dhèanadh sinn clais nas fhaide sìos cuideachd."
Bha e ag ràdh: "Ghluais an abhainn 600 slat gu siar thairis air an fhichead bliadhna mu dheireadh, agus tha an dàrna cuid dhen ghluasad sin air tachairt anns a' chòig bliadhna mu dheireadh."