
Chaidh co-dhùnadh gun tèid fireannach à Siorrachd Inbhir Nis a mhuirt a mhàthair agus a chur a corp fo ruga a chumail ann an ospadal inntinn tèarainte - gun fhios am faigh e às a chaoidh.
Thug Niall Mac Ille Mhìcheil, 34, ionnsaigh air Mòrag Nic Ille Mhìcheil anns an Dùbhlachd an-uiridh ann an dachaigh an teaghlaich ann an Druim na Drochaid.
Chaidh casaid mhuirt na aghaidh, ach ghabh an Crùn ris nach bu chòir uallach eucoir a bhith air bho nach robh e slàn na inntinn.
Bha e air gluasad dhachaigh còmhla ri a phàrantan an dèidh dha a bhith a' fuireach ann an Obar Dheathain agus Glaschu.
Chuala a' chùirt Dimàirt gur e Ospadal na Stàite ann an Carstairs an aon àite a bha freagarrach dha Mac Ille Mhìcheil.
Chaidh innse dhan chùirt gun robh e a' ghabhail dhrugaichean - cainb, Valium agus amphetamine - bho bha e na dheugaire.