
Thig atharrachadh bunaiteach air iasgach am Breatainn bho bhlàthachadh na mara a rèir eòlaichean aig Oilthigh Obar Dheathain.
Às dèidh a bhith ga rannsachadh fad cha mhòr 50 bliadhna tha an luchd-rannsachaidh ag ràdh gu bheil an t-iasg ag àlachadh nas tràithe, gu bheil iad nas lugha, agus gu bheil tòrr dualtach a' gluasad gu tuath.
Anns an 40 bliadhna a chaidh seachad thathar a' faicinn ceangail eadar blàthachadh nan uisgeachan timcheall air cladaichean Bhreatainn agus na tha a' tachairt dhan iasg fhèin.
Tha blàths an uisge air a dhol suas 2 cheum Celsius.
Tha seo a' toirt air an iasg fàs nas luaithe nuair a tha iad òg, tha iad ag àlachadh nas luaithe ach chan eil iad a' ruighinn an aon mheud nuair a tha iad nas sine agus a chleachd iad a bhith.
Bliadhnaichean ri thighinn
Tha seo a' tachairt do ghrunn sheòrsaichean èisg a bhios sinn ag ithe, gu h-àraid dhan adag.
Ma tha an t-iasg nas lugha feumar barrachd dhiubh a ghlacadh agus leis a sin thèid barrachd dhiubh a mharbhadh.
Bheir sin buaidh anns na bliadhnaichean ri thighinn.
A thaobh an truisg, tha iad sin ag àlachadh mu thrì seachdainnean nas tràithe na chleachd iad a bhith agus chan eil uimhir dhiubh sin a' tighinn gu ìre oir chan eil biadh gu leòr ann dhaibh ri ithe.
Tha tòrr de na bhios iasgairean a' glacadh air toiseachadh air gluasad gu tuath leithd cuiteig, truisg, sgadain, rionnaich agus lèabaige, a-mach à uisgeachan Bhreatainn.
Airson cuid de na h-iasgairean chan eil na bàtaichean aca a-nis freagarrach airson an t-iasg a leantainn do dh'uisgeachan nas doimhne suas gu tuath.
Mar sin chan eil iad a' glacadh an uimhir den iasg sa b'àbhaist dhuinn mar dhùthaich.
Ach tha iasg leithid giobarnaich, tùna agus sàrdain as àbhaist a bhith ann an uisgeachan nas blàithe a-nis air tòiseachadh air gluasad suas.
Tha fios againn mar-thà gu bheilear a' glacadh tùna a-mach bho na Hearadh.
Tha an luchd-rannsachaidh ag ràdh gum feum cus a bharrachd rannsachaidh a bhith air a dhèanamh air dè an t-seòrsa èisg a tha a' gluasad agus dè an seòrsa doigh airson an glacadh.