Bun-sgoil Ùige air a dùnadh gu h-oifigeil

  • Air fhoillseachadh
Bun-sgoil Ùige
Fo-thiotal an deilbh,

Chan eil Bun Sgoil Ùige air a bhith air a cleachdadh bho 2010.

Dhearbh Comhairle na Gàidhealtachd gun tèid Bun Sgoil Ùige san Eilean Sgitheanach a dhùnadh gu foirmeil.

Chan eil an sgoil air a bhith air a cleachdadh bho 2010, agus cho-dhùn a' chomhairle an sgoil a dùnadh air a mhìos a chaidh.

Rinn Comhairle na Gàidhealtachd co-chomhairle fharsaing air a bhith a' dunadh na sgoile eadar 2019 agus 2021.

Chaidh an aithisg aca le molaidhean a chur gu Riaghaltas na h-Alba san t-Sultain.

Bha dà mhìos aig an Riaghaltas airson co-dhùnadh an tigeadh coimhead air a chùis às ùr, ach air Dimàirt dh' innis iad nach dèan iad sin.

Coimhearsnachd

Thèid aig a' chomhairle a-nis an sgoil a dhùnadh gu h-oifigeil.

Dhùn an sgoil aig deireadh an teirm 2009/10 nuair nach robh ach dithis a' dol dhan sgoil.

Tha sgoilearan bhon sgìre air a bhith a' dol gu bun-sgoil Chille Mhoire bhon uairsin.

Thuirt a' chomhairle gun obraich iad leis a' choimhearsnachd airson an dòigh as fheàrr fhaighinn an togalach a chleachdadh.