Covid sna h-Eileanan: Àireamh chùisean as àirde an aon là

  • Air fhoillseachadh
Covid

Chaidh 36 cùis ùr de Chovid-19 a dhearbhadh anns na h-Eileanan an Iar oidhche Dhiardaoin.

'S ann an Leòdhas a tha gach tè dhiubh.

'S e seo an àireamh as àirde a bha anns na h-Eileanan ann an aon là bho thòisich am pandemic.

Tha cùisean de Chovid-19 air a dhol am meud anns na h-Eileanan an Iar anns na làithean mu dheireadh.

Tha na cùisean seo a' ciallachadh gun robh còrr is 120 cùis ùr ann bho Dhidòmhnaich.

Thuirt àrd-oifigear NHS nan Eilean Siar, Gòrdan Jamieson, gu bheil uallach mòr air siostam nan deuchainnan an-dràsta is thabhainn e leisgeul do dhaoine a tha a' feitheamh gus deuchainn fhaighinn.

Thuirt Mgr Jamieson gu bheileas a' coimhead ri dòighean gus an suidheachadh a leasachadh cho luath 's a ghabhas, is gu bheil iad ag amas air ionad deuchainnean a bhiodh a' gluasad mun cuairt a thoirt a-steach bho thìr-mòr.