Na ceudan chùisean Covid aig tuath

  • Air fhoillseachadh
Covid

Chaidh 235 cùisean Covid ùra a chlàradh ann an sgìre NHS na Gàidhealtachd thairis air na 24 uairean mu dheireadh.

Bha 166 aca ann an sgìre Comhairle na Gàidhealtachd.

Chaidh 52 cùisean a chlàradh ann am Moireibh agus bha 29 anns na h-Eileanan an Iar.

Tha NHS na Gàidhealtachd air iarraidh air daoine a bhith faiceallach is ìrean Covid-19 cho àrd anns a' choimhearsnachd.