Bàsan Covid

  • Air fhoillseachadh
Coròna-bhìorasTùs an deilbh, Getty Images

Chaidh Covid-19 ainmeachadh air na teisteanasan-bàis aig còignear ann an sgìre NHS na Gàidhealtachd an t-seachdain a chaidh.

Thug sin an àireamh a bhàsaich le Covid anns an sgìre gu 150 am bliadhna.

Chaidh aon bhàs a chlàradh anns na h-Eileanan Siar an t-seachdain a chaidh cuideachd.

Chaochail 16 duine le Covid anns na h-eileanan chun an seo am bliadhna.

Bhàsaich ceathrar leis ann am Moireibh - a' toirt àireamh na bliadhna gu 31.

Bha na h-àireamhan oifigeil a' coimhead ris an t-seachd là bhon 25mh dhen Dàmhair.