Draghan mu Choimisean na Croitearachd gan deasbad aig Holyrood

  • Air fhoillseachadh
Foghar

Thog buill-phàrlamaid Albannach draghan mòra mu laigsean bunaiteach a thaobh dòighean-obrach, earbsa agus ceannas aig Coimisean na Croitearachd.

Air a' mhìos a chaidh seachad, thuirt aithisg le Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba gun deach earbsa a chall eadar bòrd-stiùiridh Choimisein na Croitearachd gus àrd-cheannardan na buidhne.

Dh'fhag sin gun do dh'innis am bòrd-stiùiridh dhan Riaghaltas nach robh earbsa aca anns an àrd-oifigear.

Bha laigsean eile ann a thaobh dòighean-obrach cuideachd.

Deasbad

'S e aithisg Earrann 22 a bh' ann - rud a tha a' ciallachadh gum feumar a' chùis a dheasbad sa Phàrlamaid.

Diardaoin, bha cothrom aig Comataidh nan Cunntasan Poblach ann am Pàrlamaid na h-Alba faighneachd dè dìreach a chaidh ceàrr.

Thuirt Àrd-Neach-Sgrùdaidh na h-Alba, Stephen Boyle:

"Cha robh an Coimisean a' faireachdainn gum b' urrainn dhaibh na ceumannan riatanach a ghabhail a thaobh nan laigsean a bha iad a' coimhead ann an ceannas an àrd-oifigeir".

Earbsa

Chaidh innse gu bheil a-nis làn earbsa aig a' bhòrd-stiùiridh anns an àrd-oifigear.

Ach chuala buill gum faodadh gun toir na thachair buaidh air obair na buidhne fhèin san ùine-fhada.

Chan eil, mar eisimpleir, còd riaghlaidh chorporra aig a' bhuidhinn.

Seo Pat Kenny bhon chompanaidh Deloitte LLP:

"Bha iad a' dol an sàs ann an gnothaichean nach robh còir aca - bha an t-àrd-oifigear an sàs ann a bhith a' stèidheachadh a' bhuidseit agus planaichean ionmhais - rudan a bhiodh mar bu trice an urra ri àrd-mhanaidsearan ann am buidheann phoblach."

Aithisg eile?

Thuirt Àrd-Neach-Sgrùdaidh na h-Alba nach b' urrainn dha a ràdh le cinnt nach biodh feum air aithisg eile den t-seòrsa seo.

Dh'innis e gu bheil plana aig a' Choimisean gnothaichean a chur ceart.

Ach chan e seo a' chiad turas a chaidh laigsean agus ceistean bunaiteach a thogail mu bhuidhnean poblach neo-roinneil ann an Alba.

Thuirt Àrd-Neach-Sgrudaidh na h-Alba gum faodadh gu bheil an t-àm ann ath-sgrùdadh a dhèanamh air an t-suidheachadh.

Dh'innis Stephen Boyle gu bheil an Riaghaltas ag obair a dh'ionnsaigh an leithid.