Taisbeanadh chleasan-teine ann an Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh
Cleasan-teine ann an Inbhir Nis
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag iarraidh air daoine gun a bhith cruinneachadh airson an taisbeanadh fhaicinn, mar a rinneadh sna bliadhnaichean a dh'fhalbh.

Bidh taisbeanadh chleasan teine ann an Inbhir Nis oidhche Haoine.

Tha dùil gur e an aon taisbeanadh dhe sheòrsa a bhios air a ruith le ùghdarras ionadail ann an Alba aig an àm-sa am bliadhna.

Bidh an taisbeanadh os cionn Pàirce Cruinneachaidh a' Chinn a' Tuath mu 6:30f.

'S e taisbeanadh mu 10 mhionaidean de dh'fhaid a bhios ann.

Ach tha a' Chomhairle ag iarraidh air daoine a bhith a' coimhead nan cleasan-teine bhon dachaighean fhèin, 's gun dhol chun na làraich - ri linn dragh mu Chovid-19.

Tha cuid air càineadh a dhèanamh air a' Chomhairle airson airgead a chosg air an leithid agus am pandemic a' leantainn.