Ealasaid II, 1926-2022

  • Air fhoillseachadh
A' Bhànrigh aig Baile MhorailTùs an deilbh, EPA

Thathas a' dèanamh luaidh air a' Bhanrigh Ealasaid II, a th' air bàsachadh aois 96.

Bha i san rìgh-chathair nas fhaide na monarc sam bith eile ann an eachdraidh Bhreatainn, 70 bliadhna.

'S iomadh atharrachadh a thàinig air an Rìoghachd Aonaichte bho chaidh a crùnadh ann an 1953, agus do mhòran, bha i na samhla de leantainneachd tron a h-uile càil.

Rugadh Ealasaid Alexandra Màiri Windsor air an 21mh là den Ghiblean 1926, ann am Mayfair, Lunnainn, do Dhiùc Iorc agus a bhean Albannach, Ealasaid.

Cha robh dùil aice nuair a bha i òg gum faigheadh i an crùn, 's bràthair a h-athar, Eideard, gus a dhol na rìgh.

Ach ann an 1936, chuir an Rìgh Eideard VIII an crùn bhuaithe - sgainneal a chuir crith tro mhonarcachd Bhreatainn, 's e airson bana-Aimeireaganach, Wallis Simpson, a bh' air a bhith pòsta roimhe, a phòsadh.

Mar cheannard air Eaglais Shasainn ge-tà, nach ceadaicheadh pòsadh an dèidh sgarraidh, chan fhaodadh e.

A' Bhana-Phrionnsa Ealasaid aois 3, ann an 1929.Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

A' Bhana-Phrionnsa Ealasaid (Lillibet) aois 3, ann an 1929.

Dh'fhàg an èiginn bhun-reachdail sin, gun robh a h-athair, Albert, Diùc Iorc, gu mòr dha aindeoin, ri chrùnadh mar an Rìgh Seòras VI.

B' ann na pàiste a thog "Lillibet" ùidh ann an eich is coin, a bh' aice fad a beatha.

A rèir Winston Churchill, a thachair rithe 's i aois 2, b' e "caractar" a bh' innte, a bha "ga giùlain fhèin le ùghdarras agus comas beachdachaidh a bha iongantach dha-rìribh ann am pàiste".

Thuirt a co-ogha, Mairead Rhodes, gur i "nighean bheag shomalta a bh' innte, ach gu bunaiteach ciallach agus modhail".

Chaidh a h-oideachadh gu prìobhaideach ann an eachdraidh bhun-reachdail le fear Eanraig Marten, a bha na Iar-Phròbhost air Colaiste Eton, 's dh'ionnsaich i Fraingis bho shreath de bhana-ghobhanairean Frangach.

Chaidh companaidh de na Girl Guides - a' Chiad Chompanaidh, Lùchairt Bhuckingham - a chur air bhonn gu sònraichte ach am faigheadh i air sòisealachadh le nighnean a h-aois fhèin.

Cogadh

A' Bhana-Phrionnsa Ealasaid na dràibhear làraidh tìde an Dàrna Cogaidh.Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

A' Bhana-Phrionnsa Ealasaid na dràibhear làraidh tìde an Dàrna Cogaidh.

Dh'fhàs Ealasaid gu bhith na h-inbheach 's an dùthaich a' cogadh, le a h-athair mar cheannard stàite.

Dhiùlt a pàrantan i fhèin 's a piuthair Mairead a chur a Chanada airson an cumail sàbhailte bho na h-ionnsaighean boma.

A' Bhana-Phrionnsa Ealasaid agus a piuthair Màiread a' craoladh do chloinn na h-Ìmpireachd air an 10mh Damhair 1940.Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

A' Bhana-Phrionnsa Ealasaid agus a piuthair Màiread a' craoladh do chloinn na h-Ìmpireachd air an 10mh Damhair 1940.

Ged a chaidh a cur a Chaisteal Bhaile Mhorail toiseach a' chogaidh, chuir i seachad a' mhòr-chuid den chogadh a' fuireach ann an Caisteal Windsor - a bha gu bhith na dhachaigh phearsanta dhi na h-inbheach.

Goirid ron 18mh cola-breith aice, dh'atharraich Pàrlamaid an lagh ach am faodadh i obrachadh mar Chomhairliche Stàite an àite a h-athar, nam biodh sin a dhìth.

Anns a' Ghearran 1945, ghabh i, le rang urramach, dhan Auxiliary Territorial Service, far an tug i a-mach trèanadh mar dhràibhear agus mheacanaig.

Nuair a thàinig an cogadh san Roinn Eòrpa gu crìch air an 8mh là den Chèitean 1945, dh'fhalbh Ealasaid agus a piuthair a-mach a mheasgachadh leis na slòigh air sràidean Lunnainn, gun duine a bhith gan aithneachadh.

Pòsadh

Anns an t-Samhain 1947, phòs i Philip Mountbatten, air an deach tìotal Diùc Dhùn Èideann a bhuileachadh goirid ro làimh.

Bha na co-oghaichean air coinneachadh an toiseach ann an 1934, agus chuir iad eòlas air a chèile thar grunn bhliadhnaichean.

Bha triùir mhac - Teàrlach, Anndra agus Eideard - agus aon nighean - Anna - aca, leis a' mhac as sine, am Prionnsa Teàrlach, Diùc Bhaile Bhòid, ga bhreith ann an 1948.

Crùnadh

Crùnadh na Bànrigh, 1953.Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Crùnadh na Banrigh ann an Abaid Westminster, 1953.

Chaochail an Rìgh Seòras VI anns a' Ghearran 1952, agus chaidh Ealasaid II a chrùnadh aig Abaid Westminster air an 2na là den Ògmhios 1953.

Roghnaich i a h-ainm fhèin a chumail - rud a chuir cais air cuid an Alba, 's i air a' chiad bhànrigh den ainm sin a bhith a' riaghladh air Alba.

B' e a' chiad sheirbheis chrùnaidh riamh a chaidh a chraoladh air an telebhisean - ach a-mhàin an t-ungadh agus an comannachadh - le tomhas gun robh 277 millean duine air feadh an t-saoghail ga choimhead. B' e cuideachd a' chiad tachartas mòr eadar-nàiseanta a chaidh a chraoladh gu h-eadar-nàiseanta air an telebhisean.

Bha ceist mu bhith a' ceadachadh chamarathan am broinn na h-Abaid, ach dh'iarr a' Bhanrigh fhèin gun tachradh sin, a dh'aindeoin 's gun robh am Prìomhaire, Winston Churchill, na aghaidh.

B' e seo a' chiad annas a thachair agus Ealasaid na bàn-righ, le iomadh atharrachadh agus leasachadh teicneòlais a' tighinn eadar seo agus deireadh a beatha, a thug cruth-atharrachadh air beatha mhic-an-duine air feadh an t-saoghail.

Anns na bliadhnaichean an dèidh a crùnaidh, chaidh neo-eisimeileachd a thoirt do na dùthchannan mu dheireadh a bh' air a bhith nam pàirt de dh'Ìmpireachd Bhreatainn - Ìmpireachd cho mòr 's a bh' ann riamh.

Dh'atharraich sin seasamh Bhreatainn mar dhùthaich, agus an sealladh a bh' aig a muinntir orra fhèin.

Dh'atharraich ceòl agus cultar na dùthcha gu mòr, a thuilleadh air siostam an airgid ann an 1971, agus an eaconomaidh gu lèir ag atharrachadh le lorg na h-ola sa Chuan a Tuath sna '70an, agus fuasgladh air riaghailtean nan seirbheisean ionmhais anns na 1980an.

Ann an 1973, ghabh Breatainn dhan Mhargaidh Choitchinn Eòrpaich (às an do dh'èirich an t-Aonadh Eòrpach).

Dh'atharraich sin mar a bha Breatainn ga faicinn fhèin san t-saoghal cuideachd.

Mus robh beatha Ealasaid seachad ge-tà, bhòt muinntir na dùthcha gus an EU fhàgail. Atharrachadh mòr eile.

B' e dùthaich gu math eadar-dhealaichte a bh' ann seach mar a bha nuair a chaidh a crùnadh.

B' e fear de na h-atharrachaidhean a bu mhotha, mar a tha an sluagh a' coimhead ri monarcachd, gu seachd-àraid an dèidh mar a làimhsich an Teaghlach Rìoghail bàs obann na Bana-Phrionnsa Diana ann an 1997.

Cur-seachadan

Bha ùidh mhòr aig a' Bhanrigh ann an eich agus coin fad a beatha, 's i an sàs ann am briodadh each rèisidh gu h-àraid.

Bha i an làthair aig iomadh là rèisidh thar nam bliadhnaichean, agus fiù 's na 90an bha i ri fhaicinn air muin eich aig amannan.

Bha a sgilean marcachd ainmeil, 's i ga moladh airson mar a chum i smachd air an each aice, Burmese, nuair a chaidh sia peilearan fuadain a losgadh oirre 's i a' marcachd sìos am Mall ann an Lunnainn aig Trooping the Colour ann an 1981.

Alba

A' Bhànrigh aig Mèine Guail Rathais ann am Fìobha, an t-Iuchar 1953.Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

A' Bhanrigh aig Mèine Guail Rathais ann am Fìobha, an t-Iuchar 1953.

Bha Alba cudromach ann am beatha na Banrigh, 's i a' glèidheadh dachaigh-shamhraidh, Caisteal Bhaile Mhorail ann am Bràigh Mhàrr, a th' air a bhith san teaghlach bho linn a seann seann sheanmhar, Bhictoria.

Goirid an dèidh a crùnaidh ann an 1953, thadhail i air Fìobha, agus air a sgeadachadh mar mhèinnear, chaidh i sìos Mèinn Guail Rathais ann an Cathair Challdainn.

A' Bhànrigh agus am Prionnsa Philip le crodh Ghàidhealach aig Baile Morail.Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

A' Bhanrigh agus am Prionnsa Philip le crodh Ghàidhealach aig Baile Morail.

'S tric a thadhail i air diofar sgìrean den Ghàidhealtachd agus de na h-Eileanan.

B' ann an 1956 an toiseach a thadhail i air na h-Eileanan Siar gu h-oifigeil, 's an teaghlach a' siubhal air an Iacht Rìoghail Britannia, a' tadhal air Uibhist, na Hearadh agus Steòrnabhagh.

A' tadhal air Rubha an Tiompain air an turas sin, b' e am Prionnsa Teàrlach a thug fuaim à conacag ùr a' cheò san taigh-solais airson a' chiad uair, le a piuthair Anna a' togail ùidh ann an taighean-solais a th' air a bhith aice on uair sin.

Thadhail i a-rithist ann am Britannia anns an Lùnastal 1979 airson oifisean Comhairle nan Eilean Siar fhosgladh.

B' ann an 2002 mu dheireadh a thadhail i air na h-Eileanan Siar gu h-oifigeil, mar phàirt den Iùbalaidh Òir aice, 's i a' coiseachd còmhla ris a' Phrionnsa Philip eadar Eaglais Chuimhneachaidh Mhàrtainn agus Talla a' Bhaile, a' coinneachadh ri sluagh gach taobh air an slighe.

'S iomadh uair ge-tà, a bha a' Bhanrigh sna h-Eileanan air tursan neo-oifigeil, 's an Iacht Rìoghail a' toirt an teaghlaich air saor-làithean far chosta an iar na h-Alba, 's gan leigeil air tìr air tràighean brèagha nan eilean far am faigheadh iad beagan saoirse gun sluagh a bhith mun cuairt.

An Teaghlach Rìoghail aig Baile Morail ann an 1960.Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

An Teaghlach Rìoghail aig Baile Morail ann an 1960.

Call Diùc Dhùn Èideann

An dèidh 73 bliadhna pòsta, anns a' Ghiblean 2021, chaill a' Bhanrigh an duine aice, am Prionnsa Philip, Diùc Dhùn Èideann, a shiubhail dà mhìos gann air aois 100 a ruighinn.

Na faclan fhèin, dh'fhàg bàs a cèile "beàrn mhòr" na beatha.

Le pandemic Covid-19 a' toirt buaidh, thàinig air a' Bhanrigh suidhe na h-aonar ann an Seapail an Naomh Seòras aig Caisteal Windsor, aig an tiodhlaigeadh.

A' Bhànrigh na suidhe na h-aonar aig tiodhlaigeadh a' Phrionnsa Philip, an Giblean 2021.Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

A' Bhanrigh na suidhe na h-aonar aig tiodhlaigeadh a' Phrionnsa Philip, an Giblean 2021.

An dèidh bàs Philip ghabh buill eile den teaghlach Rìoghail àite na Banrigh ann am barrachd is barrachd thachartasan.

Bha briseadh dùil gu h-àraid aice nach deach aice air a bhith an làthair aig co-labhairt mhòr na gnàth-shìde, COP26, ann an Glaschu, mar a bha dùil aice a bhith.

Dìreach an dèidh na co-labhairt sin, bha dùil aice nochdadh mar phàirt de sheirbheis a' chuimhneachaidh aig an Senotaph ann an Lunnainn, ach b' fheudar dhi fuireach air falbh 's i air a druim a ghoirteachadh.

Bàs

Anns an t-Sultain 2022 nochd comharran gun robh i a' fàiligeadh, 's i air coinneachadh ri Boris Johnson ach an leigeadh e dheth a dhreuchd mar Phrìomhaire, agus ri Liz Truss ach an deadh ise na àite gu h-oifigeil, aig Baile Mhorail, seach ann an Lùchairt Bhuckingham.

B' e siud a' chiad turas a thachair e ann an àite sam bith seach Lùchairt Bhuckingham.

Nas fhaide den t-seachdain sin fhèin, sgaoil Lùchairt Bhuckingham brath, air an Diardaoin, gun robh a' Bhanrigh fo aire mheadaigich aig Baile Mhorail, agus rinn dlùth-bhuill a teaghlaich air Bràigh Mhàrr a bhith na còir.

Chaochail i an sin feasgar Diardaoin an 8mh là den t-Sultain, agus a teaghlach còmhla rithe.

Dìleab

Bha Ealasaid II na monarc air Breatainn nas fhaide na duine eile riamh ann an eachdraidh.

Tro gach atharrachadh mòr a thachair san ùine sin, b' ise creag nach gluaiseadh. Na samhla leantainneach air an dùthaich, agus na ceangal ris an àm a dh'fhalbh.

Ge b' e ciamar a tha daoine a' smaoineachadh air a' Mhonarcachd, tha a bàs air linn fhada a thoirt gu crìch.

Bho chaidh a crùnadh, tha ìomhaigh na Monarcachd air atharrachadh gu mòr.

Tha e a-niste an urra ri ginealach ùr an long a stiùireadh air adhart tro uisgeachan gu math eadar-dhealaichte seach na dh'fhiosraich i fhèin.