Dragh mu laimrig Eilein Èisdeil

  • Air fhoillseachadh
Laimrig ÈisdeilTùs an deilbh, M J Richardson/Geograph

Tha seann BhPA sgìre na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Mike MacCoinnich, air dragh a thogail mu laimrig Eilein Èisdeil ann an Earra-Ghàidheal.

Ghlan agus dhreids Mgr MacCoinnich a-mach an laimrig e fhèin ann an 2006, agus e a' fàgail air comhairle na sgìre nach robh iad a' dèanamh na h-obrach mar a bha còir aca.

Ach tha e ag ràdh gu bheil dragh air mun chùis a-rithist, agus coltas ann nach eil Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid deònach mòran obair-leasachaidh a dhèanamh aig an làraich.

Thuirt a' Chomhairle gun robh mar a bha cùisean an-dràsta aig a' chala a' ciallachadh gun robh feum air obair gus am faigheadh am bàta-aiseig air a bhith a' frithealadh an eilein.

Thuirt iad gun robh iad an dòchas gum faodadh an luchd-cleachdaidh air fad planaichean sam bith airson an àm ri teachd a thoirt air adhart còmhla.