Naidheachdan 11:00m
Tha a h-uile dùil ri iarrtas 'son rannsachaidh neo-eisimeilich air casaidean mu shloightearachd nuair a bhios deasbad èiginneach ann an Taigh nan Cumantan feasgar. Tha feadhainn a' càineadh a' Phrìomhaire, Boris Johnson, agus an Riaghaltas aige mun dòigh san do dhèilig iad ri cùis a' Bhuill-Phàrlamaid Thòraidhich, Owen Paterson, a bhrist riaghailtean coiteachaidh. Thuirt ceannard nan Làbarach, Sir Keir Starmer, gum feum Boris Johnson, air a' char as lugha, leisgeul iarraidh 'son mar a làimhsich e a' chùis.
Tha buidheann iomairt àrainneachd a' cumail a-mach gu bheil còrr 's 500 duine a' riochdachadh gnìomhachas a' chonnaidh fhosail aig COP26 ann an Glaschu, àireamh nas motha na tha aig aon dùthaich sam bith eile aig a' cho-labhairt. Thàinig am buidheann, Global Witness, dhan cho-dhùnadh an dèidh sgrùdaidh air liosta nan riochdairean a dh'fhoillsich an UN. Tha a' cho-labhairt aig toiseach na dàrna seachdain.
Tha dùil ri aonta an-diugh a bheir gu ceann stailc luchd-obrach an sgudail agus glanadh nan sràidean ann an Glaschu. Cruinnichidh buill an aonaidh GMB ann an Ceàrnan Sheòrais ann am meadhan a' bhaile air an là mu dheireadh den iomairt a thòisich bho chionn seachdain agus iad a' gearain mu am pàigheadh agus cùmhnantan obrach.
Thàinig rabhadh eile bhon UN gur ann an Afganastan a tha an èiginn sluaigh as miosa air an t-saoghal. Thuirt Prògram Bìdh na Cruinne gu bheil cion a' bhìdh a' toirt buaidh air 23 millean de mhuinntir Afganastan agus gu bheil 9 millean dhiubh sin air an t-slighe gu gort.
Thog na Stàitean Aonaichte bacaidhean siubhail air daoine à liosta fhada de dhùthchannan, Meagsago, Canada, an Rìoghachd Aonaichte agus a' mhòr-chuid de na dùthchannan Eòrpach nam measg. An dèidh 18 mìosan de bhacaidhean a chuir an Ceann-suidhe Trump an sàs an toiseach, tha cead siubhail a-niste dha na Stàitean aig feadhainn aig a bheil dearbhadh air banachdach Chovid.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' cleachdadh nam meadhanan sòisealta agus iad a' feuchainn ri luchd-cùraim dalta fhastadh. Tha an t-ùghdarras ag ràdh gu bheil e a' faileachadh orra curam-dalta gu leòr fhaighinn agus, le buaidh a' phandemic, gu bheil barrachd chloinne feumach air sin.