Naidheachdan 11:00m

Cambo

Chaidh iarraidh air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte stad a chur air planaichean 'son raon ola agus gas ùr mu 75 mìle an iar air Sealtainn. Chuir 16 de bhuidhnean glèidhteachais litir gu buidhinn riaghlaidh a' ghnìomhachais a' togail dragh mu bhuaidh leasachadh Chambo air an àrainneachd.

Togail fianais

Chuir poilis 16 duine an grèim ann an sgìre Maryhill ann an Glaschu an-raoir. Bha iad ann am buidheann de luchd-iomairt na gnath-thide a bha a' togail fianais taobh a-muigh taigh-bìdh aig dìnnear co-cheangailte ri COP26. Chaidh an saoradh às dèidh rabhaidh oifigeil bho na Poilis.

Sgoiltean

Thuirt oifigich foghlaim nan Eilean Siar nach dùin iad sgoiltean ach air a' cheum mu dheireadh ged a tha àireamhan Covid a' sìor èirigh. Tha an àireamh chùisean anns na h-eileanan aig an ìre 's motha ann an Alba a rèir àireamh an t-sluaigh. Tha buaidh a' bhìorais air cha mhòr trì chairteal de sgoiltean agus ionadan foghlaim na sgìre.

Nursaichean

Bheir Colaiste Rìoghail an Nursaidh rabhadh do bhuill-phàrlamaid gu bheil na h-uimhir de na seirbheisean slàinte nach urrainn tòiseachadh gu sàbhailte a-rithst ri linn cion luchd-obrach. Bidh an RCN a' toirt fianais do chomataidh ann an Holyrood an-diugh air staid an NHS. Chuir an t-aonadh crìoch air baileat bho chion ghoirid agus iad a' beachdachadh air stailc 'son pàigheadh nas fheàrr. Thuirt Rùnaire na Slàinte, Humza Yousaf, gur ann aig nursaichean an NHS ann an Alba a tha am pàigheadh as fheàrr san Rìoghachd Aonaichte.

Belarus

Chaidh Belarus às àicheadh chasaidean na Pòlainn gu bheil iad a' feuchainn ri ceudan de luchd-imrich a chur tarsainn na crìche eadar iad. Tha Belarus ag ràdh gur i a' Phòlainn a tha a' piobrachadh an t-suidheachaidh. Thuirt Prìomhaire na Pòlainn gu bheil seasmachd agus tèarainteachd an Aonaidh Eòrpaich gu lèir ann an cunnart.

Stailc

Thèid luchd-obrach air seirbheis trèana na h-oidhche eadar Alba agus Lunnainn, an Caledonian Sleeper, air stailc agus iad mì-thoilichte le am pàigheadh. Thuirt an t-aonadh RMT gum bi an stailc eadar an Diardaoin agus Disathairne.

Màl

Tha tè de bhuill na Gàidhealtachd 's nan Eilean ann am Pàrlamaid na h-Alba a' cur teagamh ann am bhòt a bha aig Comhairle na Gàidhealtachd, a chaidh an aghaidh plana Riaghaltas na h-Alba 'son sgeama-cheadachaidh do dh'àiteachan fuirich air màl airson ùine ghoirid. Agus tha Emma Roddick den bheachd nach bu chòir dhan bhòt seasamh leis gun do bhòt comhairlichean a tha iad fhèin a' leigeil àiteachan a-mach air màl san dòigh seo. Tha aithrisean ann, nach eil dearbhte gu bheil luchd-sgrùdaidh nan inbhean poblach an sàs sa chùis.