Fada a bharrachd theintean air Ghàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh
Carbad-smàlaidh

Chaidh teintean ann an dachannan am meud còrr air 30% air a' Ghàidhealtachd thairis air na sia mìosan mu dheireadh, a rèir aithisg bhon t-Seirbheis Smàlaidh.

Dh'fhàs falaisgearan na bu chumanta cuideachd.

Thuirt an t-Seirbheis Smàlaidh gur dòcha gur e am pandemic a bu choireach.

Bidh an t-Seirbheis Smàlaidh a' dèanamh aithisg mun obair aca do Chomhairle na Gàidhealtachd dà thuras anns a' bhliadhna.

Thuirt an tè mu dheireadh gun deach teintean ann an dachannan nach deach a thòiseachadh a dh'aona-ghnothaich am meud 34%, agus gun deach triùir a mharbhadh ann an teintean.

Anns an trì bliadhna ron sin, cha do bhàsaich duine.

Chan eil fhios aca le cinnt carson a tha àrdachadh ann, ach tha Covid air beatha dhaoine atharrachadh, agus tha an t-Seirbheis Smàlaidh den bheachd gur dòcha gur e am pandemic as coireach.

Thuirt an t-seirbheis cuideachd gun deach 138 teine a thòiseachadh a dh'aona-ghnothaich thairis air na sia mìosan mu dheireadh.

B' e falaisgearan a bh' anns a' mhòr-chuid aca.

Choirich iad an aimsir - agus a-rithist, am pandemic, is barrachd dhaoine a' campachadh.

Thuirt iad gu bheil iad ag obrachadh le uachdarain agus buidhnean poblach airson piseach a thoirt air an t-suidheachadh.