
Tha an togalach feumach air na ceudan mhìltean not de dh'obair-càraidh.
Cha d' fhuair conaltradh poblach air na bu chòir a dhèanamh le talla a' bhaile ann an Inbhir Ghòrdain freagairtean sam bith.
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gur dòcha gun cuir iad bhuapa an talla a-niste, an dàrna cuid le bhith ga reic no ga chur a-mach air aonta màil leantainneach.
Chaidh an talla a thogail faisg air deireadh an 19mh Linn.
Thar nam bliadhnaichean chaidh a chleachdadh mar thaigh-dhealbh, talla bingo, agus ionad-ealain.
Thug Comhairle na Gàidhealtachd rabhadh seachad gun robh na ceudan mhìltean not a dhìth gus an togalach a chàradh, 's e air a dhol bhuaithe gu mòr.
Tha oifigich a-niste air moladh gun aontaich comhairlichean an togalach a reic no a leigeil a-mach air aonta màil leantainneach.
'S ann le maoin maith choitchinn Inbhir Ghòrdain a tha an talla - maoin a dh'fheumar a chleachdadh a chùm maith na coimhearsnachd.