Barrachd bhaighseagalan ann an Glaschu?
Le COP26 a' tighinn gu ceann aig deireadh na seachdaineach, saoil dè a' bhuaidh a bheir i air a' bhaile sa bheil i a' gabhail àite?
A bheil cothrom ann gum faic sinn barrachd dhaoine a' seachnadh chàraichean airson siubhal mu thimcheall a' bhaile air baidhseagal?
Le slighean rothaireachd a-nise air feadh Ghlaschu, tha ceist ann carson nach eil barrachd dhaoine nan cleachdadh.
Tha an aithris seo aig neach-naidheachd òg na h-àrainneachd, Somhairle MacIain.