
Chaidh Tormod MacAsgaill a thaghadh às ùr mar fhear de stiùirichean Sealladh na Beinne Mòire, a' chompanaidh coimhearsnachd a tha os cionn Stòras Uibhist is Oighreachd Uibhist a Deas.
Bha taghadh ann nas tràithe air a' mhìos is ceathrar thagraichean ann airson aon àite air a' bhòrd.
'S iad Comhairle nan Eilean Siar a bha os cionn an taghaidh.
Bha buil an taghaidh mar a leanas:
Tormod MacAsgaill 170
Caoimhin Moireasdan 149
Agnes Dehu 89
Gilbert MacAonghais 26
Tha sin a' ciallachadh gu bheil Mgr MacAsgaill air a thaghadh às ùr is e a' fuireach air a' bhòrd.
"Tha mi air mo dhòigh a bhith air mo thaghadh às ùr is tha mi a' coimhead air adhart ris an tuilleadh adhartais a dhèanamh, is a bhith a' bruidhinn às leth a h-uile duine air feadh na coimhearsnachd againn", thuirt Mgr MacAsgaill.
Chuir cathraiche Sealladh na Beinne Mòire, Màiri Schmoller, fàilte às ùr air Mgr MacAsgaill chun a' bhùird is rinn i moladh air na tagraichean eile 'son an ainmean a chur air adhart.
Bhrosnaich i cuideachd a h-uile duine san sgìre ballrachd a thoirt a-mach sa chompanaidh choimhearsnachd gus am bi cothrom aca bhòtadh ann an taghaidhean eile a bhios ann.
Bidh coinneamh bhliadhnail na buidhne ann Diardaoin an 18mh den t-Samhain ann an Talla a Chinn a Deas aig 7.30f.