
Tha Drew Hendry is Dàibhidh Linden a' dol às àicheadh nan casaidean.
Tha fear de bhuill na Gàidhealtachd aig Westminster a' dol às àicheadh gu bheil e air spèis a' phobaill dhan Phàrlamaid a lagachadh is casaidean air nochdadh gun robh an deoch air air turas 'son Là Cuimhneachaidh a chomharrachadh.
Bha am ball SNP Drew Hendry am measg 15 BP a bha air plèana a bha a' siubhal gu Gibraltar 'son tadhal air feachdan na Rìoghachd Aonaichte.
Chaidh innse dhan BhBC gun robh Mgr Hendry, a tha a' riochdachadh Inbhir Nis, Inbhir Narann, Bàideanach is Srath Spè, is ball SNP Ghlaschu an Ear, Dàibhidh Linden, is am ball Làbarach 'son Warrington a Tuath, Charlotte Nichols, ag òl mus deach iad air a' phlèana agus air an turas, is gun robh smùid orra nuair a ràinig iad Gibraltar.
Tha am BBC a' tuigsinn gun robh buill eile cuideachd ag òl.
Chaidh fàgail air Mgr Hendry is Mgr Linden gun robh iad cuideachd sradagach nuair a chaidh ceistean a thogail mu na foirmichean aca a thaobh Chovid-19.

Chan eil na Làbaraich air beachd a thoirt ach tha Charlotte Nichols air tilleadh dhachaigh is thathas a' tuigsinn gun do dh'fhulaing i trioblaid slàinte inntinn.
Thuirt Rùnaire an Dìon, Ben Wallace, gun robh Drew Hendry, Dàibhidh Linden is Charlotte Nichols air na feachdan ann an Gibraltar a chur ann an "suidheachadh duilich", is gun robh cunnart ann gun robh an dol-a-mach aca "a' lagachadh spèis a' phobaill dhan Phàrlamaid".
Chaidh an SNP às àicheadh nan casaidean, is Nicola Sturgeon ag ràdh nach robh brìgh no fìrinn sam bith annta, 's nach robh ann ach oidhirp a bh' ann bho na Tòraidhean aire a tharraing air falbh bho cheistean mu dhol-a-mach cuid de na buill aca fhèin.
Thuirt Mgr Hendry gur e "casaidean fuadan" a bha seo.
"'S e gnothach a tha seo dhan chogais aca fhèin", thuirt Mgr Hendry.
"Nì mise m' obair is sinn a' sealltainn urraim dha na feachdan againn air Là Cuimhneachaidh", thuirt e.