Thàinig rotar far itealain mus do thachair tubaist mhairbhteach

  • Air fhoillseachadh
Paul NicholTùs an deilbh, Paul Nichol family
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt teaghlach Pòl Nichol gun robh a bhith a' sgèith a' toirt saorsa agus brosnachadh dha

Chaill Pòl Nicholl, 67, à Baile an Loch, Inbhir Nis, a bheatha nuair a thàinig an gìoracoptair aige a-nuas do dh'achadh faisg air Abhach san Eilean Dubh air 12mh den t-Samhain an-uiridh.

Chaidh an t-itealan na theine an dèidh dha tuiteam gu talamh.

Bha Mgr Nichol a' sgèith leis fhèin agus thathar a' tuigsinn gun robh e ag ionnsachadh a bhith na phìleat.

A rèir daoine a chunnaic na thachair thàinig an gìorocoptair a-nuas gu luath agus bha rotar agus na h-itean air tighinn far a' chòrr dheth mionaidean mus do thachair an tubaist.

Thuirt luchd-sgrùdaidh gun robh iad a' feuchainn ri faighinn a-mach dè bu choireach gun do thachair sin.

Tha Meur Buidheann Luchd-sgrùdaidh nan Tubaistean-adhair (AAIB) ag ùrachadh an cuid rannsachaidh is thuirt iad gun deach an t-itealan fhaicinn a' tuiteam bho 457m de dh'àirde.

Thuirt iad: "Rinn teine milleadh mòr air an gìorocoptair, ach bha e comasach fhathast sgrùdadh a dhèanamh air na bha air fhàghail dheth.

"Tha sinn a' feuchainn ri tuigsinn dè dh'fhàg gun tàinig an rotar dheth san adhar.

"Tha sinn a' dèanamh dheuchainnean air an rotar, cho math ri bhith a' coimhead air a' bheagan dàta a fhuair sinn bhon inneal GPS."

Làrach na tubaiste
Fo-thiotal an deilbh,

Na seirbheisean èiginn an làthair aig làrach na tubaiste san t-Samhain an-uiridh faisg air Abhach

Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginn mu 12:55f air là na tubaiste agus chuireadh ceithir carbadan-smàlaidh agus dà charbad-eiridinn chun na làraich.

Ann am brath sgrìobhte, thuirt teaghlach Mgr Nichol gun robh e a' faighinn saorsa agus spòrs an cois a bhith a' sgèith.

Thuirt an teaghlach: "Bha e riamh airson rudan ùra ionnsachadh agus a bhith a-muigh ri cur-seachad, 's ann glè ainneamh a bhiodh e na thàmh agus bha e mar as tric dripeil agus a' faighinn tlachd à bhith beò.

"Chan urrainn dhuinn cur an cèill cho mòr a bhios sinne agus an còrr den teaghlach ga ionndrainn gun luaidh air a charaidean agus a sheann cho-obraichean.

"Chan eil facail ann a mhìneachas ar cuid cràidh agus bròin."