Naidheachdan 11:00m

Liverpool

Tha triùir dhaoine an grèim fhathast fo Achd na Ceannairc an dèidh spreadhadh anns an deach duine a mharbhadh air an taobh a-muigh ospadail ann an Liverpool an-dè. Chaidh dràibhear an tacsaidh a chaidh a spreadhadh a thoirt dhan ospadal. Rinn poilis armaichte rèadan air togalaichean ann an sgìre Sefton Park agus Kensington sa bhaile, agus tha seirbheis na tèarainteachd, MI5, a' cuideachadh leis an rannsachadh.

Owen Paterson

Bidh buill-phàrlamaid a' bhòtadh a-nochd air an aithisg a dh'iarr casg air an t-seann mhinistear Thòraidheach Owen Paterson airson a bhith a' coiteachadh. Bha càineadh mòr ann air an Riaghaltas airson feuchainn ri stad a chur air a' chasg, agus dh'fhàg Mgr Paterson a dhreuchd mar bhall-pàrlamaid. 'S tha na Làbaraich ag iarraidh rannsachaidh a-niste air aithrisean gun robh Rùnaire na Còmhdhail, Grant Shapps, a tha e fhèin na phìleat amaitearach, a' coiteachadh airson raointean-adhair a dhìon bho leasachaidhean taigheadais.

COP26

Chuir ceannardan poilis dìon air an dòigh san do làimhsich iad co-labhairt COP26 na gnàth-shìde ann an Glaschu. Tha a' bhuidheann iomairt Extinction Rebellion a' gearain gun robh na Poilis a' cumail sùil ro gheur air feadhainn dhiubhsan. Thuirt Poileas Alba gur e nas lugha na 100 duine a chuir iad an grèim fad cola-deug na co-labhairt, agus gun do rinn iad mar a bu chòir dhaibh.

"Booster"

Tha feadhainn a tha nan 50an am measg na tha a' faighinn fiathachadh a-niste gu booster na banachdaich airson Covid. Agus tha feadhainn a tha a' toirt cùraim seachad an-asgaidh, no a' fuireach san aon dachaigh ri fheadhainn aig nach eil siostam dìon bodhaige làidir am measg na dh'fhaodas am booster iarraidh. Bidh am fiosrachadh às ùire aig Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, a-màireach air àireamhan Covid.

Aiseag Steòrnabhaigh

Tha an t-seirbheis aiseig eadar Steòrnabhagh agus Ulapul dheth an-dràsta an dèidh dearbhadh air cùis Chovid anns a' chriutha. Cha robh seòladh ann às Ulapul aig 10:30m, agus tha an seòladh à Steòrnabhagh aig 2:00f dheth. Tha teagamh ann cuideachd aig an ìre seo mun t-seirbheis à Ulapul aig 5:30f.