Cead dha flataichean aig prìs reusanta

  • Air fhoillseachadh
Seann bhanca Cheann a' GhiùthsaichTùs an deilbh, Richard Sutcliffe

Chaidh cead a thoirt do phlana airson seann bhanca ann an Ceann a' Ghiùthsaich a leasachadh agus flataichean a bhios ri fhaotainn aig prìs reusanta a dhèanamh dheth.

Tha fàilte ga cur air an naidheachd is dragh ann bho chionn ghoirid mu cho doirbh 's a tha e do dhaoine òga dachaigh fhaighinn san sgìre.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd roimhe gum feuchadh iad ris an t-siostam planaidh a chleachdadh gus smachd fhaighinn air na tha de thaighean gan cur a-mach air màl ghoirid.

Thathas a' feitheamh cead dhan an sin, ach, anns an eadar-ama, tha fàilte ga cur air an leasachadh taigheadais ann an Ceann a' Ghiùthsaich.

Thug comataidh planaidh Ùghdarras Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh cead don phlana airson an t-seann bhanca a leasachadh.

Leasachadh

'S ann leis a' Chomhairle a tha an togalach, is thuirt fear de chomhairlichean na sgìre, Bill Lobban, gur dòcha gum faicear an aon seòrsa rud a' tachairt le togalaichean eile.

"Le barrachd dhaoine ag obair bhon taigh a-nis, an àite a bhith san oifis, tha grunn thogalaichean aig Comhairle na Gàidhealtachd a dh'fhaodadh a bhith air an tionndadh gu dachaighean do dhaoine.

"Dh'fhaodadh cuideachd gu bheil e nas fheàrr seann togalach a leasachadh, agus ath-chleachdadh, seach fear ùr a thogail, leis a' mhilleadh a tha concrete a' dèanamh air an àrainneachd," thuirt e.

Fon phlana ann an Ceann a' Ghiùthsaich bidh trì flataichean taobh a-staigh an togalaich fhèin agus thèid dà fhlat a thogail sa ghàrradh aig a' chùl.

Thuirt neach-gairm na comataidh planaidh, Gaenor Rodger, gur e seo an t-seòrsa iarrtas dealbhachaidh is toil leotha fhaicinn ann am Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh air sgàth 's cho duilich 's a tha e do mhuinntir an àite dachaigh fhaighinn ann an cuid de sgìrean.